Nahum 2:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Tha esan a phronnas ann am bloighdean air teachd a‑nìos fad chomhair; glèidh an daingneach, cuir faire air an t‑slighe, dèan do leasraidh làidir, neartaich gu treun do chumhachd. Faic an caibideil |
Agus amhail duine acrach a chì aisling, agus, feuch, tha e ag ithe, ach air dùsgadh dha, tha a anam cìocrach; agus amhail duine tartmhor a chì aisling, agus, feuch, tha e ag òl, ach air dùsgadh dha, feuch, tha e fann agus anam a’ miannachadh; mar sin tàrlaidh do mhòr-chuideachd nan uile chinneach a tha a’ cogadh an aghaidh sliabh Shioin.
Feuch, cuiridh mi fios, agus bheir mi leam uile mhuinntir na h‑àird a tuath, deir an Tighearna, agus Nebuchadresar rìgh Bhàbiloin m’òglach, agus bheir mi iad an aghaidh na tìre seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus an aghaidh nan cinneach seo uile mun cuairt, agus sgriosaidh mi gu tur iad, agus nì mi iad nan uamhas, agus nan sgeig, agus nam fàsach gu bràth.