Agus tàrlaidh anns an là sin gun atharraichear a eallach bhàrr do ghuailne, agus a chuing bhàrr do mhuineil; agus caithear a’ chuing do bhrìgh na h‑ola-ungaidh.
Gu deimhinn o chionn fada bhris mi do chuing, sgaoil mi do chuibhrichean; agus thubhairt thu, Cha bhi mi eas-umhail. Oir air gach cnoc àrd, agus fo gach craoibh uaine, tha thu a’ dol air seachran ri strìopachas.
A‑chum an t‑Asirianach a bhriseadh nam dhùthaich, agus a shaltradh fom chasan air mo shlèibhtean: an sin falbhaidh a chuing dhiubh, agus togar a eallach bhàrr an guaille.
Ruigidh mi na daoine uasal agus labhraidh mi riùsan; oir is aithne dhaibhsan slighe an Tighearna, breitheanas an Dè. Ach spealg iad seo gu h‑iomlan a’ chuing, sgaoil iad as a chèile na cuibhrichean.
Is mise an Tighearna ur Dia a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum is nach biodh sibh nur tràillean aca; agus bhris mi cuibhreach ur cuinge, agus thug mi oirbh imeachd dìreach.