Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 7:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na dèan gàirdeachas am aghaidh, O mo nàmhaid; ged thuit mi, èiridh mi; ged shuidheam ann an dorchadas, bidh an Tighearna na sholas dhomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

46 Iomraidhean Croise  

Ma rinn mi gàirdeachas ri sgrios an tì a dh’fhuathaich mi, agus ma thog mi mi fhèin suas a chionn gun tàinig olc air:

Ann an dorchadas èiridh solas do na fìreanan; gràsmhor agus làn truacantais, agus cothromach tha an Tighearna.

Oir gheur-lean an nàmhaid m’anam; bhuail e mo bheatha sìos gu làr; thug e orm còmhnaidh a ghabhail ann an dorchadas, mar iadsan a bha fada marbh.

Dh’ìslicheadh iadsan, agus thuit iad; ach dh’èirich sinne, agus sheas sinn.

Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?

Na dèanadh iadsan a tha nan naimhdean dhomh gu h‑eucorach gàirdeachas os mo chionn; iadsan aig a bheil fuath dhomh gun adhbhar, na caogadh iad len sùil.

Gabhaidh an t‑aingidh air iasad, agus cha dìol e a‑rìs; ach tha am fìrean tròcaireach, agus bheir e uaithe.

Ged thuit e, cha tilgear gu tur sìos e, oir cumaidh an Tighearna suas air làimh e.

Oir thubhairt mi, Air eagal gun dèan iad gàirdeachas am aghaidh; nuair a shleamhnaicheas mo chas, gun àrdaich iad iad fhèin nam aghaidh.

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Dh’èirich solas don fhìrean, agus aoibhneas dhaibhsan a tha ionraic nan cridhe.

O thaigh Iàcoib, thigibh agus imicheamaid ann an solas an Tighearna.

A ràdh ris a’ mhuinntir a tha ceangailte, Rachaibh a‑mach; agus riùsan a tha ann an dorchadas, Thigibh am follais. Beathaichear iad air na slighean, agus anns na h‑uile ionadan àrda nì iad ionaltradh.

Cò nur measg air a bheil eagal an Tighearna, a tha ag èisdeachd ri guth a sheirbhisich, a tha a’ siubhal ann an dorchadas agus aig nach eil solas? Earbadh e as ainm an Tighearna, agus leigeadh e a thaice ra Dhia.

An sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; iadsan a bha nan còmhnaidh ann an tìr sgàil a’ bhàis, dh’èirich solas orra.

Oir nach robh Israel na bhall-fanaid dhutsa? An d’fhuaireadh am measg mhèirleach e, gun tugadh tu ana-cainnt dha leis na h‑uile bhriathran a b’urrainn thu?

A chionn gu bheil sibh ri gàirdeachas, a chionn gu bheil sibh ri aighear, O sibhse a chreach m’oighreachd; a chionn gu bheil sibh air fàs reamhar mar agh biadhte, agus ri sitrich mar eich mheanmnach.

Os bàrr, their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, An tuit iad agus nach èirich iad a‑rìs? An tèid e air falbh, agus nach till e air ais?

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do bhuail thu do làmhan, agus gun do bhreab thu led chasan, agus gun do rinn thu gàirdeachas ann ad chridhe, led uile tharcais an aghaidh fearann Israeil;

Mar a rinn thusa gàirdeachas os cionn oighreachd taigh Israeil, a chionn gu robh i fàs, O shlèibh Sheir, agus Idumèa uile, an t‑iomlan dheth: agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gu deimhinn ann an teine m’eud labhair mi an aghaidh fuidheall nan cinneach, agus an aghaidh Idumèa uile, a ghabh mo dhùthaich-sa gu bhith na seilbh dhaibh, le gàirdeachas an uile chridhe, le inntinn aingidh, ga toirt thairis mar chreich.

Anns an là sin togaidh mise suas pàillean Dhaibhidh a tha air tuiteam, agus dùinidh mi suas a bheàrnan; agus togaidh mi suas a làraichean, agus cuiridh mi suas e mar anns na làithean o shean:

Ach cha bu chòir dhut amharc le sòlas air là do bhràthar, anns an là anns an do rinneadh coigreach dheth: cha mhò a bu chòir dhut gàirdeachas a dhèanamh os cionn chloinn Iùdah ann an là an lèirsgrios: cha mhò a bu chòir dhut labhairt gu h‑uaibhreach ann an là an àmhghair.

Bi ann an saothair, agus beir, O nighean Shioin, mar mhnaoi ri saothair: oir a‑nis thèid thu a‑mach as a’ chathair, agus gabhaidh tu còmhnaidh anns a’ mhachair, agus thèid thu eadhon gu Bàbilon; an sin saorar thu; an sin fuasglaidh an Tighearna thu à làimh do naimhdean.

Agus chì mo nàmhaid sin, agus còmhdaichidh nàire ise a thubhairt rium, Càit a bheil an Tighearna do Dhia? Chì do shùilean am miann oirre; a‑nis saltrar sìos i mar chlàbar nan sràidean.

Anns an là sin dìonaidh an Tighearna luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus bidh esan a tha lag nam measg anns an là sin mar Dhaibhidh; agus taigh Dhaibhidh mar Dhia, mar aingeal an Tighearna nan làthair.

Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme-sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte.

Am poball a bha nan suidhe ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; agus tha solas air èirigh do na daoine a bha nan suidhe ann an tìr agus an sgàil a’ bhàis.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun dèan sibhse gul agus caoidh, ach nì an saoghal gàirdeachas: agus bidh sibhse do‑bhrònach, ach tillear ur bròn gu gàirdeachas.

An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.

A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa.

Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.

Air ar geur-leanmhainn, gidheadh gun a bhith air ar trèigsinn; air ar tilgeadh sìos, gidheadh gun a bhith air ar sgrios;

Agus chan eil feum aig a’ bhaile air a’ ghrèin no air a’ ghealaich a dhealrachadh ann: oir shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t‑Uan as solas dha.

Agus cha bhi oidhche an sin, agus chan eil feum aca air coinnil, no air solas na grèine: oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh: agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan