Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 7:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bhàsaich an t‑ionracan as an fhearann, agus chan eil neach treibhdhireach am measg dhaoine: tha iad uile a’ gabhail fàth airson fala: tha iad, gach aon, a’ sealg a bhràthar le lìon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Cuidich leam, a Thighearna, oir chan eil duine diadhaidh ann; oir theirig na h‑ionraic o mheasg clann nan daoine.

Tha an duine ionraic a’ bàsachadh, agus gun aon neach a’ toirt fa‑near; agus na daoine tròcaireach air an toirt air falbh, agus gun aon neach a’ tuigsinn gu bheil an t‑ionracan air a thoirt air falbh on olc a tha ri teachd.

Oir gheibhear am measg mo shluaigh-sa droch dhaoine: tha iad ri feall-fhalach, mar neach a’ suidheachadh lìon; tha iad a’ leagadh ribe, tha iad a’ glacadh dhaoine.

Tha an cas a’ ruith a‑chum uilc, agus tha iad a’ greasadh a‑chum fuil neo-chiontach a dhòrtadh; is innleachdan aingidheachd an innleachdan; tha lèirsgrios agus milleadh nan ceuman.

Ma their iad, Thig leinne, dèanamaid feall-fheitheamh air fuil, laigheamaid am falach airson an neochiontaich gun adhbhar:

Feuch, cuiridh mi fios air mòran iasgairean, deir an Tighearna, agus nì iad an iasgach; agus na dhèidh sin, cuiridh mi fios air mòran shealgairean, agus nì iad an sealg, o gach uile shliabh, agus o gach uile chnoc, agus o sgoltan nan creag.

Agus faic, O athair, eadhon faic iomall d’fhallainge am làimh: do bhrìgh nuair a gheàrr mi air falbh iomall d’fhallainge nach do mharbh mi thu, biodh fhios agad agus faic nach eil aon chuid olc no easaontas am làimh, agus nach do pheacaich mi ad aghaidh; gidheadh tha thu a’ sealg air m’anam, a‑chum a ghlacadh.

A tha a’ togail Shioin suas le fuil, agus Ierusaleim le dòbheairt.

Lorgaich iad ar ceuman, air chor is nach faodamaid imeachd nar sràidean: tha ar crìoch dlùth, tha ar làithean air an coileanadh; seadh, thàinig ar crìoch.

Tha am balg-saighead mar uaigh fhosgailte; tha iad uile nan daoine treuna.

Is iad briathran nan aingidh feall-fheitheamh airson fala; ach tèarnaidh beul nan ionraic iadsan.

Dheasaich iad lìon fa chomhair mo cheum; chrom iad m’anam sìos; chladhaich iad sloc romham; thuit iad fhèin na mheadhon. Selah.

A‑nis, matà, na tuiteadh m’fhuil a dh’ionnsaigh na talmhainn ann am fianais an Tighearna; oir thàinig rìgh Israeil a‑mach a dh’iarraidh deargainne, mar a ruaigeas fear cearc-choille anns na beanntan.

Nì e feall-fhalach gu diamhair, mar leòmhann na gharaidh; nì e feall-fhalach a‑chum gun glac e an duine bochd; glacaidh e an duine bochd, ga tharraing na lìon.

Trìd corraich Tighearna nan sluagh dhorchaicheadh an tìr; agus bidh an sluagh mar chonnadh airson an teine: cha dèan duine iochd air a bhràthair fhèin.

Thug mise fa‑near, agus chuala mi: cha do labhair iad gu ceart; chan eil aithreachas air aon neach da aingidheachd, ag ràdh, Ciod a rinn mi? Tha gach aon a’ tilleadh ga shlighe, mar a dhian-ruitheas an t‑each a‑chum a’ chòmhraig.

Annadsa ghabh iad duais gu fuil a dhòrtadh: ghabh thu ocar agus riadh, agus bhuannaich thu gu sanntach od choimhearsnaich le ana-cothrom, agus dhìochuimhnich thu mise, deir an Tighearna Dia.

Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn don chathair fhuiltich, don choire aig a bheil a shal ann, agus o nach deachaidh a shal a‑mach uaithe; thoir a‑mach e, mìr air mhìr, na tuiteadh crannchur air bith air.

Cluinnibh-se seo, a shagartan; agus thugaibh-se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh-se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor.

Ach o chionn fhada dh’èirich mo shluagh suas mar nàmhaid: tha sibh a’ spìonadh na fallaing, maille ris an trusgan, on mhuinntir a tha ag imeachd seachad gu tèarainte, mar dhaoine gun spèis de chogadh.

Sibhse a tha a’ fuathachadh a’ mhaith, agus a’ gràdhachadh an uilc; a tha a’ spìonadh dhiubh an craicinn, agus am feòla bhàrr an cnàmh:

Oir cha ghabh mise nas mò truas de luchd-àiteachaidh na tìre, tha an Tighearna ag ràdh; ach feuch, bheir mi thairis daoine, gach aon do làimh a choimhearsnaich, agus do làimh a rìgh; agus buailidh iad am fearann, agus cha saor mi as an làimh.

Labhraidh iad dìomhanas gach neach ra choimhearsnach; le bilean miodalach, le cridhe dùbailte labhraidh iad.

Agus bidh an sluagh air an sàrachadh, gach fear le a chèile, agus gach fear le a choimhearsnach; nì an t‑òganach tàir air an aosda, agus an duine an‑uasal air an duine uasal.

Agus amhail a dh’fheitheas buidheann airson duine, tha cuideachd nan sagart a’ marbhadh anns an t‑slighe gu Sechem a dh’aon-bheachd; oir rinn iad aingidheachd gu dàna.

Agus dh’aontaich na h‑Iùdhaich mar an ceudna, ag ràdh gu robh na nithean seo mar sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan