Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 7:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns an là sin fòs thig iad ad ionnsaigh o Asiria, agus o na bailtean daingnichte, agus on daingneach eadhon gus an abhainn, agus o fhairge gu fairge, agus o shliabh gu sliabh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.

Agus bidh rathad mòr aig fuidheall a shluaigh a dh’fhàgar o Asiria; mar a bha aig Israel, anns an là anns an tàinig e a‑nìos o thìr na h‑Eiphit.

Their mi ris an àird a tuath, Thoir seachad, agus ris an àird a deas, Na cùm air ais; thoir mo mhic o chèin, agus mo nigheanan o chrìochan na talmhainn;

Feuch, thig iad seo o chèin; agus, feuch, iad seo o thuath agus on iar; agus iad seo o thìr Shinim.

Ach tionailidh mi fuidheall mo threud as gach uile dhùthaich gus an d’fhògair mi iad, agus bheir mi iad air an ais dam mainnirean fhèin, agus fàsaidh iad torrach agus lìonmhor.

Anns na làithean sin thèid taigh Iùdah gu taigh Israeil; agus thig iad le chèile a‑mach as an tìr mu thuath, a‑chum an fhearainn a thug mise mar sheilbh dur n‑athraichean.

Feuch, bheir mi iad on tìr mu thuath, agus tionailidh mi iad o chrìochan na talmhainn: an dall agus am bacach maille riu, a’ bhean thorrach, maraon agus ise a tha ri saothair; nan cuideachd mhòir tillidh iad.

Ach na biodh eagal ortsa, O Iàcoib, m’òglach, agus na biodh geilt ort, O Israeil; oir, feuch, bheir mise tèarainte thu o chèin, agus do shliochd o thìr an daorsa; agus tillidh Iàcob, agus gheibh e fois agus sìth; agus cha bhi aon neach ann a chur eagail air.

Anns an là sin bheir mi air adhairc taigh Israeil briseadh a‑mach, agus bheir mi dhutsa fosgladh a’ bheòil nam meadhon; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

Agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, bheir mise clann Israeil o mheasg nan cinneach gus a bheil iad air imeachd, agus cruinnichidh mi iad air gach taobh, agus bheir mi iad gu an dùthaich fhèin.

Itealaichidh iad mar eun as an Eiphit, agus mar chalaman à tìr Asiria; agus suidhichidh mise nan taighean iad, deir an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan