Agus thubhairt mi riu, Tha sibh a’ faicinn a’ chruaidh-chàis anns a bheil sinn, mar a tha Ierusalem air a fàsachadh, agus a geatachan air an losgadh le teine: thigibh agus togamaid balla Ierusaleim, a‑chum is nach bi sinn nas mò nar masladh.
Agus litir gu Asaph, fear-gleidhidh frìth an rìgh, a‑chum gun toir e dhomh fiodh a dhèanamh sailthean airson geatachan na lùchairt a bhuineas don taigh, agus airson balla a’ bhaile, agus airson an taighe don tèid mi. Agus thug an rìgh dhomh, a rèir làmh mhath mo Dhè orm.
O thusa a tha ainniseach, air do luasgadh leis an doininn, agus gun chomhfhurtachd agad; feuch leagaidh mi do chlachan ann an dath sgiamhach, agus suidhichidh mi do bhunaitean le clachan saphir.
Agus togaidh iadsan a ghinear uat na seann làraichean; togaidh tu suas bunaitean nan iomadh ginealach; agus goirear dhìot Fear-càraidh a’ bheuma, Fear-aisig nan ròidean a‑chum a bhith air an àiteachadh.
Agus togaidh iad suas na seann làraichean, càraichidh iad ri chèile na h‑ionadan sgaoilte o chian; ath-nuadhaichidh iad na cathraichean briste, ionadan fàsaichte nan iomadh linn.
Aithnich uime sin agus tuig, o dhol a‑mach na h‑àithne, gu Ierusalem aiseag agus a thogail suas, gu Mesiah am Prionnsa, gum bi seachd seachdainean, agus trì-fichead agus dà sheachdain: togar an t‑sràid a‑rìs agus am balla, eadhon ann an aimsirean carraideach.