Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 6:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Èisdibh-se a‑nis ciod a tha an Tighearna ag ràdh: Eirich, tagair fa chomhair nam beann, agus cluinneadh na cnuic do ghuth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Labhair Dia nan dia, Iehòbhah, agus ghairm e an talamh o èirigh gu ruig laighe grèine.

Gairmidh e air na nèamhan on àirde agus air an talamh, a‑chum breith a thoirt air a shluagh.

Cluinnibh, O nèamhan, agus tabhair èisdeachd, O thalaimh, oir tha an Tighearna a’ labhairt: Dh’altraim mise, agus thog mi suas clann; agus rinn iadsan ceannairc am aghaidh.

Tha an Tighearna a’ seasamh suas a‑chum tagraidh; agus tha e a’ seasamh a thabhairt breith air an t‑sluagh.

Eisdibh, agus thugaibh aire, na bithibh uaibhreach; oir labhair an Tighearna.

O thalamh, a thalamh, a thalamh! Cluinn facal an Tighearna.

Mar an ceudna, a mhic an duine, dèan fàistneachd do shlèibhtean Israeil, agus abair, A shlèibhtean Israeil, cluinnibh facal an Tighearna:

Ach sibhse, O shlèibhtean Israeil, cuiridh sibh a‑mach ur geugan, agus bheir sibh ur toradh dom shluagh-sa Israel, oir tha iad am fagas a‑chum teachd.

An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, dèan fàistneachd do na cnàmhan seo, agus abair riu, O chnàmhan tioram, èisdibh-se facal an Tighearna.

Agus abair, A shlèibhtean Israeil, cluinnibh facal an Tighearna Dia; mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ris na slèibhtean, agus ris na cnuic, ris na sruthan, agus ris na gleanntan, Feuch, bheir mise, mise fhèin, claidheamh oirbh, agus sgriosaidh mi ur n‑ionadan àrda.

Cluinnibh am facal seo a labhair an Tighearna nur n‑aghaidh, O chlann Israeil, an aghaidh an uile theaghlaich a thug mi a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, ag ràdh,

Èisdibh, O shlòigh, an t‑iomlan dhibh: thoir fa‑near, O thalaimh, agus na h‑uile a tha ann; agus biodh an Tighearna Iehòbhah na fhianais nur n‑aghaidh, an Tighearna as a theampall naomh.

Agus leaghar na slèibhtean foidhe, agus sgoiltear na glinn: mar chèir fa chomhair an teine, mar uisgeachan a dhòirtear thar bruaich chorraich.

Agus nì mi dìoghaltas, ann am feirg agus ann an corraich, air na cinnich, ionnas nach cuala iad a leithid.

Eisdibh-se, O shlèibhtean, còmhstri an Tighearna; agus sibhse, a bhunaitean làidir na talmhainn: oir tha còmhstri aig an Tighearna ra shluagh, agus tagraidh e ri Israel.

Agus fhreagair esan, agus thubhairt e riu, Tha mi ag ràdh ribh, nam fanadh iad sin nan tosd, gun glaodhadh na clachan fhèin.

Cluinnibh, O nèamhan, agus labhraidh mi; agus èisdeadh an talamh ri briathran mo bheòil.

Gairmeam nèamh agus talamh mar fhianais nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun tig lèirsgrios oirbh gu h‑aithghearr as an fhearann a‑chum a bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh: cha bhuanaich sibh ur làithean air, ach sgriosar sibh gu tur.

A‑nis uime sin seasaibh, a‑chum gun toir mi breith oirbh an làthair an Tighearna, a‑thaobh uile ghnìomharan cearta an Tighearna, a rinn e dhuibhse agus dur n‑athraichean.

An sin thubhairt Samuel ri Saul, Fuirich, agus innsidh mi dhut ciod a thubhairt an Tighearna riumsa a‑nochd. Agus thubhairt e ris, Abair romhad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan