Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 5:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an adhbhar sin bheir e thairis iad, gus an t‑àm anns an toir ise a tha gu leanabh a bhreith dhachaigh clann; agus gus an iompaichear fuidheall am bràithrean, maille ri mic Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus bheir e thairis Israel, airson peacaidhean Ierobòaim, a pheacaich, agus a thug air Israel peacachadh.

Agus na bithibh cosmhail ri ur n‑athraichean, agus cosmhail ri ur bràithrean a pheacaich an aghaidh an Tighearna, Dia an athraichean, agus thug esan thairis iad gu lèirsgrios, mar a chì sibh.

Moladh na slòigh thu, a Dhè! Moladh na slòigh uile thu!

Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.

Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.

Feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an tog mise suas do Dhaibhidh meanglan fìrinneach, agus rìoghaichidh rìgh, agus soirbhichidh leis; agus cuiridh e an gnìomh breitheanas agus ceartas air an talamh.

Anns an àm sin, deir an Tighearna, bidh mise ann am Dhia do uile theaghlaichean Israeil, agus bidh iadsan dhòmhsa nan sluagh.

Iarraidh mi a’ chuid a chailleadh, agus bheir mi air ais a’ chuid a dh’fhuadaicheadh air falbh, agus ceanglaidh mi suas a’ chuid a bhriseadh, agus neartaichidh mi a’ chuid a bha tinn: ach sgriosaidh mi an reamhar agus an làidir; beathaichidh mi iad sin le breitheanas.

Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile.

Gidheadh, feuch, bheir mise oirre mo leantainn, agus bheir mi i don fhàsach, agus labhraidh mi rithe gu càirdeil.

Uime sin tillidh mise, agus bheir mi m’arbhar leam na àm, agus m’fhìon na àm, agus bheir mi leam m’olann agus mo lìon, a thugadh a chòmhdachadh a lomnochdaidh.

Fuathaichibh an t‑olc, agus gràdhaichibh am math, agus daingnichibh breitheanas anns a’ gheata; theagamh gum bi an Tighearna, Dia nan sluagh, gràsmhor do iarmad Iòseiph.

Ach suidhidh iad gach duine fo a fhìonain, agus fo a chrann-fìge fhèin, agus cha chuir aon neach eagal orra; oir beul Iehòbhah, Dia nan sluagh, labhair e.

Agus nì mi ise a bha bacach na h‑iarmad, agus ise a bha air a tilgeadh air falbh na cinneach làidir; agus riaghlaidh an Tighearna os an cionn ann an sliabh Shioin, o seo a‑mach, eadhon gu sìorraidh.

Agus bidh fuidheall Iàcoib am measg mòran shluagh, mar an drùchd on Tighearna, mar na frasan air an fheur, nach feith ri duine, agus nach fan ri mic dhaoine.

Agus bidh fuidheall Iàcoib am measg nan cinneach, am meadhon mòran shlògh, mar leòmhann am measg beathaichean na frìthe, mar chuilean leòmhainn am measg nan treudan chaorach: e sin, ma thèid e roimhe, araon saltraidh sìos, agus reubaidh, agus cha tèarainn aon neach.

Ithidh tu, ach cha sàsaichear thu; agus bidh do leagadh ann ad mheadhon; agus gabhaidh tu greim, ach cha ghlèidh thu: agus an nì sin a ghlèidheas tu, bheir mise don chlaidheamh.

Gidheadh bidh an talamh na fhàsach, airson a luchd-àiteachaidh, airson toradh an dèanadais.

Agus neartaichidh mise taigh Iùdah, agus tèarnaidh mi taigh Iòseiph; agus suidhichidh mi iad a‑rìs; oir tha truas agam dhiubh: agus bidh iad mar nach tilginn fada uam iad: oir is mise Iehòbhah an Dia, agus èisdidh mi riu.

Agus beiridh i mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air; oir saoraidh e a shluagh fhèin om peacaidhean.

Oir ge bè neach a nì toil m’Athar-sa a tha air nèamh, is e sin fhèin mo bhràthair, agus mo phiuthar, agus mo mhàthair.

Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.

Oir an dream a ro‑aithnich e, ro‑òrdaich e iad mar an ceudna a‑chum a bhith co‑chosmhail ri ìomhaigh a Mhic, a‑chum gum biodh esan na chiad-ghin am measg mòran bhràithrean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan