Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.
Anns an là sin tilgidh duine iodhalan airgid agus iodhalan òir, a rinn iad, gach aon dha fhèin, gu sleuchdadh dhaibh, a‑chum nam famh agus a‑chum nan ialtag;
Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.
Uime sin, le seo glanar aingidheachd Iàcoib air falbh; agus is e seo an toradh uile a thabhairt air falbh a pheacaidh; nuair a nì e uile chlachan na h‑altarach mar chlachan aoil a tha air am pronnadh as a chèile, cha seas na doireachan no na dealbhan suas nas mò.
Oir dh’èisd na cinnich sin a shealbhaicheas tusa ri speuradairean, agus ri fiosaichean: ach air do shon-sa, cha do leig an Tighearna do Dhia leat dèanamh mar sin.
Agus den chuid eile dheth nì e dia, eadhon dealbh snaidhte dha fhèin; cromaidh e sìos dha, agus bheir e adhradh dha; agus nì e ùrnaigh ris, agus their e, Teasairg mi, oir is tu mo dhia.
Agus loisgidh iad do thaighean le teine, agus nì iad breitheanas ort ann an sealladh mòran bhan: agus bheir mise ort sgur de strìopachas, agus cha toir thu tuarasdal seachad nas mò.