Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 5:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gearraidh mi as bailtean d’fhearainn, agus tilgidh mi sìos d’uile dhaingnichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Tha ur tìr fàs, tha ur bailtean air an losgadh le teine; ur fearann, tha coigrich ga ithe suas nur làthair; agus dh’fhàsaicheadh e, mar gum biodh e air a sgrios le sluagh coimheach.

Air an adhbhar sin thrèig thu do shluagh, taigh Iàcoib, a chionn gu bheil iad air an lìonadh on àird an ear, agus nan luchd-fiosachd mar na Philistich; agus tha an tlachd ann an cloinn choigreach.

Uime sin, le seo glanar aingidheachd Iàcoib air falbh; agus is e seo an toradh uile a thabhairt air falbh a pheacaidh; nuair a nì e uile chlachan na h‑altarach mar chlachan aoil a tha air am pronnadh as a chèile, cha seas na doireachan no na dealbhan suas nas mò.

An sin thubhairt mise, Cia fhad, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Gus an cuirear bailtean fàs, gun neach gan àiteachadh; agus taighean, gun duine a’ gabhail còmhnaidh annta; agus gum bi am fearann gu tur air a fhàsachadh;

Shluig an Tighearna suas uile àiteachan-còmhnaidh Iàcoib, agus cha do ghabh e truas: thilg e sìos na chorraich daingnichean làidir nighean Iùdah: thug e a‑nuas gu làr iad; thruaill e an rìoghachd agus a daoine urramach.

Agus their thu, Thèid mi suas gu tìr nam bailtean gun bhallachan, thig mi air a’ mhuinntir a tha aig fois, a tha a’ gabhail còmhnaidh ann an tèarainteachd, iad uile a’ gabhail còmhnaidh gun bhallachan, agus gun chroinn no dorsan aca,

Uime sin èiridh buaireas am measg do shluaigh, agus bidh d’uile dhaingnichean air am milleadh, amhail a mhill Salmon Bet-arbel ann an là a’ chatha; ghearradh nam bloighdean a’ mhàthair agus a’ chlann le chèile.

A neartaicheas an creachte an aghaidh an trèin; air chor is gun tig an duine creachte an aghaidh an daingnich.

An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan