Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 5:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tàrlaidh anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gun geàrr mise do chuid each a‑mach as do mheadhon, agus sgriosaidh mi do charbadan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus gearraidh mi as an carbad o Ephraim, agus an t‑each o Ierusalem; agus gearrar as am bogha-cogaidh; agus labhraidh esan sìth ris na cinnich: agus bidh a uachdaranachd o mhuir gu muir, agus on abhainn gu iomallan na tìre.

Cha dèan Asur ar tèarnadh; air eich cha dèan sinn marcachd: cha mhò a their sinn tuilleadh ri obair ar làmhan fhèin, Is sibhse ar diathan: oir annadsa gheibh an dìlleachdan tròcair.

Ach air taigh Iùdah nì mi tròcair, agus tèarnaidh mi iad leis an Tighearna an Dia, agus chan ann le bogha no le claidheamh a thèarnas mi iad, no le cath, no le eich, no le marcaich.

Gu deimhinn chan eil ach dìomhanas anns na cnuic, ann an neart nan slèibhtean; gu deimhinn anns an Tighearna ar Dia-ne tha slàinte Israeil.

Agus tha an tìr air a lìonadh le airgead agus òr, agus chan eil crìoch air an ionmhasan; tha an tìr air a lìonadh le eich, agus chan eil crìoch air an carbadan.

Ach cha chuir e eich an lìonmhorachd dha fhèin, cha mhò a bheir e air an t‑sluagh tilleadh don Eiphit, a‑chum is gun cuir e eich an lìonmhorachd: do bhrìgh gun dubhairt an Tighearna ribh, Cha till sibh o seo a‑mach nas mò air an t‑slighe sin.

Agus tilgidh mi rìgh-chathair rìoghachdan bun-os‑cionn, agus sgriosaidh mi neart rìoghachdan nan cinneach; agus tilgidh mi bun-os‑cionn na carbadan, agus iadsan a tha a’ marcachd orra, agus tuitidh na h‑eich agus am marcaichean sìos, gach aon le claidheamh a bhràthar.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan