Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 4:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thusa, O thùir an treud, a dhaingnich làidir nighean Shioin, thig d’àm‑sa; agus tillidh an t‑seann uachdaranachd, an rìoghachd, gu nighinn Ierusaleim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Israel a thuras, agus shuidhich e a bhùth an taobh thall de thùr Edeir.

Gidheadh, ghlac Daibhidh daingneach Shioin: is e sin baile Dhaibhidh.

Palal mac Udsai, fa chomhair an tionndaidh, agus an tùir a tha a’ dol a‑mach o thaigh àrd an rìgh, a bha làimh ri cùirt a’ phrìosain: na dhèidh-san Pedaiah mac Pharois.

Togaibh, a gheatachan, ur cinn, agus bithibh air ur togail suas, a dhorsan sìorraidh, agus thig Rìgh na glòire a‑steach.

Aithnichear Dia na lùchairtean mar thèarmann.

Oir bha thusa ad thèarmann dhomh, ad thùr làidir an aghaidh an nàmhaid.

Tha do mhuineal mar thùr Dhaibhidh, air a chur suas gu bhith na thaigh-arm: tha mìle targaid crochte suas ris, uile sgiathan nan treun-fhear.

Agus aisigidh mi do bhritheamhan mar air tùs, agus do chomhairlichean mar a bha iad an toiseach; na dhèidh sin goirear dhìot baile na fìreantachd, a’ chathair dhìleas.

Fanaidh e fhathast an là sin ann an Nob; crathaidh e a làmh an aghaidh cnoc nighean Shioin, an aghaidh sliabh Ierusaleim.

Agus chuir e callaid ma thimcheall agus ghlan e na clachan as, agus shuidhich e rogha fìonain ann, agus thog e tùr na mheadhon, agus cuideachd chladhaich e amar-fìona agus dh’amhairc e a dh’fheuchainn an tugadh e a‑mach dearcan fìona, agus thug e a‑mach dearcan fiadhain.

Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.

Ach glacaidh naoimh an Tì as àirde an rìoghachd, agus sealbhaichidh iad an rìoghachd gu sìorraidh, eadhon gu saoghal nan saoghal.

Agus thig fir-shaoraidh a‑nìos air sliabh Shioin, a thoirt breith air sliabh Esau; agus bidh an rìoghachd leis an Tighearna.

Cruinnichidh mi gu cinnteach, O Iàcoib, an t‑iomlan dhìotsa: cruinnichidh mi gu cinnteach iarmad Israeil; cuiridh mi iad ri chèile mar chaoraich Bhosrah, mar threud ann am meadhon am mainnireach: nì iad faram mòr le lìonmhorachd dhaoine.

Agus gearraidh mi as an carbad o Ephraim, agus an t‑each o Ierusalem; agus gearrar as am bogha-cogaidh; agus labhraidh esan sìth ris na cinnich: agus bidh a uachdaranachd o mhuir gu muir, agus on abhainn gu iomallan na tìre.

Tillibh a‑chum an daingnich, O phrìosanacha an dòchais; eadhon air an là‑an‑diugh tha mi ag innse gun dìol mi dhut beannachdan dùbailte.

Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.

A‑mach à Iàcob thig esan a bhios na uachdaran, agus sgriosaidh e an tì a mhaireas den bhaile mhòr.

Eisdibh ri cosamhlachd eile: Bha fear-taighe àraidh ann, a phlanndaich fìonlios, agus chuir e gàrradh ma thimcheall, agus chladhaich e ionad-bruthaidh an fhìona ann, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e; agus chaidh e fhèin air choigrich.

Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad-bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich.

Gu ro‑àrd os cionn gach uile uachdaranachd, agus cumhachd, agus neirt, agus tighearnais, agus gach ainme a dh’ainmichear, chan e a‑mhàin anns an t‑saoghal seo, ach anns an t‑saoghal ri teachd mar an ceudna:

Agus cha bhi oidhche an sin, agus chan eil feum aca air coinnil, no air solas na grèine: oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh: agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan