Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 4:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì mi ise a bha bacach na h‑iarmad, agus ise a bha air a tilgeadh air falbh na cinneach làidir; agus riaghlaidh an Tighearna os an cionn ann an sliabh Shioin, o seo a‑mach, eadhon gu sìorraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa.

Agus daingnichear an rìgh-chathair ann an tròcair, agus suidhidh e oirre ann am fìrinn, ann am pàillean Dhaibhidh, a’ tabhairt breith, agus a’ rannsachadh na còrach, agus a’ luathachadh ceartais.

An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.

Ach fhathast bidh deicheamh innte; agus tillidh e, agus caithear e; mar an cuileann agus an darach, aig a bheil brìgh annta, ged thilg iad an duilleach; mar sin bidh sìol naomh na bhrìgh inntese.

Fàsaidh an aon bheag na mìle, agus an aon shuarach na cinneach làidir; luathaichidh mise Iehòbhah e na thràth.

Cò a chuala a leithid seo? Cò a chunnaic an leithidean seo de nithean? An tabhair an talamh a‑mach a thoradh ann an aon là? Am bi cinneach air a bhreith a dh’aon bheum? Oir cha bu luaithe bha Sion ann an saothair na rug i a clann.

Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, tha thu a’ faicinn àite mo rìgh-chathrach, agus ionad buinn mo chas, far an gabh mi còmhnaidh ann am meadhon cloinn Israeil gu sìorraidh, agus m’ainm naomh-sa cha truaill taigh Israeil nas mò, iad fhèin no an rìghrean, len strìopachas, no le cairbhean an rìghrean nan ionadan àrda.

Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.

Agus an ceann nan làithean thog mise Nebuchadnesar suas mo shùilean ri nèamh, agus thill mo thuigse am ionnsaigh, agus bheannaich mi an Tì as àirde, agus chliùthaich mi, agus thug mi onair dhàsan a tha beò gu sìorraidh, aig a bheil a uachdaranachd na h‑uachdaranachd shìorraidh, agus a rìoghachd o linn gu linn.

Agus thugadh dha uachdaranachd, agus glòir, agus rìoghachd, a‑chum gun tugadh na h‑uile shlòigh, chinnich agus theangannan seirbhis dha: a uachdaranachd is uachdaranachd shìorraidh i, nach siubhail thairis, agus a rìoghachd cha sgriosar i.

Agus bheirear an rìoghachd agus an uachdaranachd, agus mòrachd na rìoghachd fo nèamh uile, do mhuinntir naomh an Tì as ro‑àirde, aig a bheil a rìoghachd na rìoghachd shìorraidh, agus bheir na h‑uile thighearnais ùmhlachd agus gèill dha.

Gidheadh bidh àireamh clann Israeil mar ghaineamh na fairge, nach gabh tomhas no àireamh; agus tàrlaidh, anns an àite anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo shluagh-sa, gun abrar riu, Is sibh mic an Dè bheò.

Agus tàrlaidh, ge bè air bith a ghairmeas air ainm an Tighearna, tèarnar e: oir ann an sliabh Shioin agus ann an Ierusalem bidh tèarnadh, mar a thubhairt an Tighearna; eadhon am measg an iarmaid a ghairmeas an Tighearna.

Mar sin aithnichidh sibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha a chòmhnaidh ann an Sion, mo shliabh naomh: an sin bidh Ierusalem naomh, agus cha tèid coigrich troimhpe nas mò.

Agus thig fir-shaoraidh a‑nìos air sliabh Shioin, a thoirt breith air sliabh Esau; agus bidh an rìoghachd leis an Tighearna.

Cruinnichidh mi gu cinnteach, O Iàcoib, an t‑iomlan dhìotsa: cruinnichidh mi gu cinnteach iarmad Israeil; cuiridh mi iad ri chèile mar chaoraich Bhosrah, mar threud ann am meadhon am mainnireach: nì iad faram mòr le lìonmhorachd dhaoine.

Thàinig am fear-brisidh a‑nìos romhpa, bhris iad an geata, agus chaidh iad troimhe agus chaidh iad a‑mach da thrìd; agus siùbhlaidh an rìgh air an toiseach, eadhon an Tighearna air an ceann.

Air an adhbhar sin bheir e thairis iad, gus an t‑àm anns an toir ise a tha gu leanabh a bhreith dhachaigh clann; agus gus an iompaichear fuidheall am bràithrean, maille ri mic Israeil.

Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair.

Cha dèan iarmad Israeil aingidheachd, cha mhò a labhras iad breugan: cha mhò a gheibhear teanga chealgach nam beul. Oir ionaltraidh agus laighidh iad sìos, agus cha chuir aon neach eagal orra.

Anns an àm sin bheir mi air ur n‑ais sibh; agus anns an àm anns an cruinnich mi sibh, bheir mi gun amharas dhuibh ainm agus cliù am measg uile chinnich na talmhainn, nuair a thilleas mi air a h‑ais ur bruid fa chomhair an sùl-san, deir an Tighearna.

Agus bidh e na Rìgh air taigh Iàcoib gu bràth, agus cha bhi crìoch air a rìoghachd.

Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan