Anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, cruinnichidh mi ise a tha bacach, agus tionailidh mi ise a tha air a fògradh a‑mach, agus ise a chuir mi fo àmhghar.
Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, a tha a’ cruinneachadh ri chèile dìobarraich Israeil: Fhathast cruinnichidh mi muinntir eile da ionnsaigh, os bàrr orrasan a tha air an cruinneachadh.
Anns na làithean sin thèid taigh Iùdah gu taigh Israeil; agus thig iad le chèile a‑mach as an tìr mu thuath, a‑chum an fhearainn a thug mise mar sheilbh dur n‑athraichean.
Feuch, bheir mi iad on tìr mu thuath, agus tionailidh mi iad o chrìochan na talmhainn: an dall agus am bacach maille riu, a’ bhean thorrach, maraon agus ise a tha ri saothair; nan cuideachd mhòir tillidh iad.
Cruinnichidh mi gu cinnteach, O Iàcoib, an t‑iomlan dhìotsa: cruinnichidh mi gu cinnteach iarmad Israeil; cuiridh mi iad ri chèile mar chaoraich Bhosrah, mar threud ann am meadhon am mainnireach: nì iad faram mòr le lìonmhorachd dhaoine.
Feuch, millidh mise d’uile luchd-sàrachaidh anns an àm sin; agus lèighsidh mi ise a tha bacach, agus cruinnichidh mi ise a bha sgaoilte; agus gheibh mi dhaibh cliù agus deagh iomradh anns gach aon tìr anns an d’fhuair iad nàire.
Agus tha caoraich eile agam, nach eil den chrò seo: is èiginn dhomh iad sin mar an ceudna a thoirt a‑steach, agus èisdidh iad rim ghuth; agus bidh aon treud ann, agus aon bhuachaille.