Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 4:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach suidhidh iad gach duine fo a fhìonain, agus fo a chrann-fìge fhèin, agus cha chuir aon neach eagal orra; oir beul Iehòbhah, Dia nan sluagh, labhair e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Iùdah agus Israel còmhnaidh gu tèarainte, gach fear fo a chrann-fìona, agus fo a chrann-fìge fhèin, o Dhan eadhon gu Beersèba, rè uile làithean Sholaimh.

Agus, feuch, tha mi a’ cur romham taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, mar a labhair an Tighearna rim athair Daibhidh, ag ràdh, Do mhac a chuireas mise ann ad àit air do rìgh-chathair, togaidh esan taigh dom ainm-sa.

Agus nuair a laigheas tu sìos, cha chuir neach air bith eagal ort; agus iarraidh mòran do ghnùis.

Bheir na beanntan sìth don t‑sluagh, agus na tulaichean.

Na biodh sgàth ort ro eagal obann, no ro fhàsachadh nan aingidh nuair a thig e.

Ach ma bhios sibh eas-umhail agus ceannairceach, ithear suas sibh leis a’ chlaidheamh; oir labhair beul an Tighearna e.

Tha bailtean Aroeir air an trèigsinn; bidh iad airson threud a laigheas sìos, agus cha bhi neach gam fuadachadh.

Anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh, bidh an tarrang a bha air a suidheachadh ann an àite daingeann air a h‑atharrachadh; agus gearrar sìos i, agus tuitidh i; agus gearrar an eallach a bha oirre air falbh; oir labhair an Tighearna e.

A Thighearna, ann an àmhghar dh’iarr iad thu: dhòirt iad a‑mach an athchuinge nuair a bha do smachdachadh orra.

Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh.

Na èisdibh ri Heseciah; oir mar seo deir rìgh Asiria, Dèanaibh coicheangal riumsa le tìodhlac, agus thigibh am ionnsaigh; agus itheadh gach fear de a chrann-fìona, agus gach fear de a chrann-fìge fhèin; agus òladh gach fear uisge a thobair fhèin;

Agus foillsichear glòir an Tighearna, agus chì gach uile fheòil i le chèile; oir is e beul an Tighearna a labhair.

Ann am fìreantachd socraichear thu; bidh tu fada o shàrachadh, ionnas nach gabh thu eagal; agus o uamhas, ionnas nach tig e dlùth dhut.

An sin gabhaidh tu tlachd anns an Tighearna; agus bheir mise ort marcachd air ionadan àrda na talmhainn; agus beathaichidh mi thu le oighreachd Iàcoib d’athair; oir labhair beul an Tighearna e.

Agus togaidh mi suas os an cionn aodhairean a dh’ionaltras iad, air chor is nach bi eagal orra tuilleadh, cha mhò a bhios geilt orra, cha mhò a bhios iad air an smachdachadh, deir an Tighearna.

Uime sin na biodh eagal ort, a Iàcoib, m’òglach-sa, deir an Tighearna, agus na biodh geilt ort, O Israeil: oir feuch, bheir mise tèarainte thu o chèin, agus do shliochd o thìr an daorsa; agus tillidh Iàcob, agus gheibh e fois agus sìth, agus cha bhi aon neach a’ cur eagail air.

Agus nì mise coicheangal sìthe riu, agus cuiridh mi cosg air na droch bheathaichean anns an fhearann; agus gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte anns an fhàsach agus caidlidh iad anns na coilltean.

Agus cha bhi iad nas mò nan cobhartaich do na cinnich, cha mhò a nì beathaichean an fhearainn an slugadh suas: ach gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte, agus cha chuir aon neach eagal orra.

Agus their thu, Thèid mi suas gu tìr nam bailtean gun bhallachan, thig mi air a’ mhuinntir a tha aig fois, a tha a’ gabhail còmhnaidh ann an tèarainteachd, iad uile a’ gabhail còmhnaidh gun bhallachan, agus gun chroinn no dorsan aca,

An dèidh dhaibh an nàire a ghiùlan, agus an uile chionta leis an do chiontaich iad am aghaidh-sa, nuair a ghabhas iad còmhnaidh gu tèarainte nan dùthaich fhèin, agus nach cuir aon neach eagal orra.

Agus bheir mise sìth anns an tìr, agus laighidh sibh sìos, agus cha chuir neach sam bith eagal oirbh: agus sgriosaidh mi droch bheathaichean as an dùthaich, agus cha tèid an claidheamh tro ur fearann.

Air an adhbhar sin bheir e thairis iad, gus an t‑àm anns an toir ise a tha gu leanabh a bhreith dhachaigh clann; agus gus an iompaichear fuidheall am bràithrean, maille ri mic Israeil.

Cha dèan iarmad Israeil aingidheachd, cha mhò a labhras iad breugan: cha mhò a gheibhear teanga chealgach nam beul. Oir ionaltraidh agus laighidh iad sìos, agus cha chuir aon neach eagal orra.

Anns an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gairmidh sibh gach fear a choimhearsnach fon fhìonain, agus fon chrann-fhìge.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan