Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 3:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna, ach chan èisd e riu: falaichidh e fòs a ghnùis uapa anns an àm sin, mar a ghiùlain iad iad fhèin gu h‑olc nan gnìomharan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

An èisd Dia ri a ghlaodh, nuair a thig àmhghar air?

Gu cinnteach chan èisd Dia ri dìomhanas, agus cha bhi meas aig an Uile-chumhachdach air.

Ghlaodh iad, ach cha robh fear-saoraidh ann; eadhon air an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad.

An sin gairmidh iad ormsa, ach cha fhreagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach chan fhaigh iad mi;

An tì a thionndaidheas a chluas air falbh o chluinntinn an lagha, bidh a ùrnaigh fhèin na gràinealachd.

Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala.

Is an‑aoibhinn don aingidh; is olc a dh’èireas dhàsan; oir dìolar dha obair a làmh fhèin.

Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise orra dòrainn o nach bi e comasach dhaibh dol as; agus ged ghlaodh iad rium, chan èisd mi riu.

Nuair a thraisgeas iad, chan èisd mise rin glaodh; agus nuair a dh’ìobras iad ìobairt-loisgte agus tabhartas, cha ghabh mise iad; ach leis a’ chlaidheamh, agus leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh, cuiridh mi as dhaibh.

A tha air teachd gu cogadh air taobh nan Caldèanach, agus gu an lìonadh le cuirp mharbha nan daoine a bhuail mise ann am fheirg, agus ann am chorraich, agus a thug orm, airson an uile aingidheachd, mo ghnùis fhalach on chathair seo:

Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?

Uime sin buinidh mise riùsan fòs ann am feirg: cha chaomhain mo shùil, cha mhò a bhios truas agam: agus ged èigh iad ann am chluasan le guth àrd, gidheadh chan èisd mi riu.

An sin bidh nàire air na fiosraichean, agus amhluadh air na fàidhean; seadh, còmhdaichidh iad uile am beul, oir chan eil freagradh air bith o Dhia.

Gidheadh bidh an talamh na fhàsach, airson a luchd-àiteachaidh, airson toradh an dèanadais.

Agus thachair amhail a ghlaodh mise, agus nach d’èisd iadsan; mar sin ghlaodh iadsan, agus cha d’èisd mise, deir Tighearna nan sluagh.

Is iomadh iad a their riumsa anns an là ud, A Thighearna, a Thighearna, nach do rinn sinn fàidheadaireachd ann ad ainm-sa, agus ann ad ainm-sa nach do thilg sinn a‑mach deamhain agus ann ad ainm-sa nach do rinn sinn iomadh mìorbhail?

On uair a dh’èireas fear-an‑taighe, agus a dhùineas e an doras, agus a thòiseachas sibhse air seasamh a‑muigh, agus an doras a bhualadh, ag ràdh, A Thighearna, a Thighearna, fosgail dhuinn; agus air dhàsan freagairt, their e ribh, Chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh?

Ach tha fhios againn nach èisd Dia ri peacaich: ach ma tha neach air bith na fhear-adhraidh do Dhia, agus a’ dèanamh a thoile, ris-san èisdidh e.

Oir gheibh esan breitheanas gun tròcair, nach do rinn tròcair; agus nì tròcair gàirdeachas an aghaidh breitheanais.

Agus glaodhaidh sibh a‑mach anns an là sin o làthair ur rìgh a thagh sibh dhuibh fhèin; agus chan èisd an Tighearna ribh anns an là sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan