Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 3:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sibhse a tha a’ fuathachadh a’ mhaith, agus a’ gràdhachadh an uilc; a tha a’ spìonadh dhiubh an craicinn, agus am feòla bhàrr an cnàmh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Ahab ri Eliah, An d’fhuair thu mi, O mo nàmhaid? Agus thubhairt esan, Fhuair mi thu; a chionn gun do reic thu thu fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna.

Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.

Leis an suarach an droch dhuine, ach a bheir urram dhaibhsan air am bi eagal an Tighearna; a mhionnaicheas a‑chum a challdaich fhèin, agus nach caochail;

Nach eil eòlas acasan a tha a’ dèanamh na h‑eucoir, a tha ag ithe suas mo shluaigh mar a dh’itheadh iad aran, agus nach gairm air Dia?

Molaidh iadsan a thrèigeas an lagh na h‑aingidh; ach nì iadsan a ghleidheas an lagh strì riu.

Ciod as ciall dhuibh, gu bheil sibh a’ pronnadh mo shluaigh, agus a’ bleith aodannan nam bochd? deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh.

Is truagh dhaibhsan a their math ri olc, agus olc ri math; a tha a’ cur dorchadais an àite solais, agus solais an àite dorchadais; a tha a’ cur an t‑seirbh an àit a’ mhilis, agus a’ mhilis an àit an t‑seirbh.

Leigidh mise ris d’fhìreantachd, agus do ghnìomharan; oir cha dèan iad feum dhut.

Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ur mairbh a chuir sibh na meadhon, is iadsan an fheòil, agus is i a’ chathair seo an coire; ach bheir mise sibh a‑mach as a meadhon.

Tha a uachdarain na mheadhon mar mhadaidhean-allaidh, cìocrach a‑chum creiche, a dhòrtadh fala, a sgrios anaman, a dh’fhaotainn buannachd neo-ionraic.

Cruinnich a mhìrean ann, gach aon mhìr math, an t‑sliasaid agus an slinnean; lìon e le taghadh nan cnàmh.

Tha sibh ag ithe na saill, agus gur n‑èideadh fhèin leis an olainn, tha sibh a’ marbhadh nan ainmhidhean biadhte: chan eil sibh a’ beathachadh an treud.

Cluinnibh-se am facal seo, O sprèidh Bhasain, a tha air sliabh Shamaria; a tha a’ sàrachadh nam bochd, a tha a’ bruthadh nam feumach; a tha ag ràdh rim maighistirean, Thugaibh dar n‑ionnsaigh agus òlamaid.

Fuathaichibh an t‑olc, agus gràdhaichibh am math, agus daingnichibh breitheanas anns a’ gheata; theagamh gum bi an Tighearna, Dia nan sluagh, gràsmhor do iarmad Iòseiph.

Ach o chionn fhada dh’èirich mo shluagh suas mar nàmhaid: tha sibh a’ spìonadh na fallaing, maille ris an trusgan, on mhuinntir a tha ag imeachd seachad gu tèarainte, mar dhaoine gun spèis de chogadh.

Bhàsaich an t‑ionracan as an fhearann, agus chan eil neach treibhdhireach am measg dhaoine: tha iad uile a’ gabhail fàth airson fala: tha iad, gach aon, a’ sealg a bhràthar le lìon.

A‑chum gun dèan iad olc le uile dhìcheall an làmh; tha am prionnsa agus am breitheamh ag iarraidh duaise: agus tha an duine mòr a’ foillseachadh a dhroch thograidh: mar sin tha iad ga phasgadh suas.

Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean-allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe.

Agus bha fuath aig muinntir a dhùthcha dha, agus chuir iad teachdaireachd na dhèidh, ag ràdh, Chan àill leinn an duine seo a bhith na rìgh oirnn.

An sin ghlaodh iadsan uile, ag ràdh, Chan e an duine seo, ach Barabas. A‑nis b’fhear-reubainn Barabas.

Chan eil e an comas don t‑saoghal sibhse fhuathachadh; ach fuathaichidh e mise, do bhrìgh gu bheil mi a’ toirt fianais ma thimcheall, gu bheil a obraichean olc.

Muinntir don aithne ceartas Dhè (gu bheil iadsan a nì an leithidean sin de nithean toilltinneach air bàs), gidheadh chan e a‑mhàin gu bheil iad fhèin gan dèanamh, ach tha mar an ceudna tlachd aca den mhuinntir a nì iad.

Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth-leanaibh ris an nì a tha math.

Gun ghràdh nàdarra, nan luchd-brisidh coicheangail, tuaileasach, neo-gheamnaidh, borb, gun ghaol don mhath,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan