Cha mhò a tha sibh a’ toirt fa‑near gur iomchaidh dhuinne gum faigheadh aon duine bàs airson an t‑sluaigh, agus nach biodh an cinneach uile air a sgrios.
Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean-allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe.
Bhàsaich an t‑ionracan as an fhearann, agus chan eil neach treibhdhireach am measg dhaoine: tha iad uile a’ gabhail fàth airson fala: tha iad, gach aon, a’ sealg a bhràthar le lìon.
An sin abair thusa, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha a’ chathair a’ dòrtadh fala na meadhon, a‑chum gun tigeadh a h‑àm, agus a’ dèanamh iodhalan na h‑aghaidh fhèin, gu i fhèin a thruailleadh.