Agus thubhairt mi, Eisdibh, guidheam oirbh, O cheannardan Iàcoib, agus a phrionnsachan taigh Israeil; nach buin dhuibhse fios a bhith agaibh ciod a tha ceart?
A thionndadh an fheumaich o bhreitheanas, agus a thabhairt an còrach le ainneart o bhochdan mo shluaigh; air chor is gum bi bantraichean nan cobhartach dhaibh, agus gun creach iad na dìlleachdain.
A mhic an duine, dèan fàistneachd an aghaidh aodhairean Israeil, dèan fàistneachd, agus abair riu, O aodhairean, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mo thruaighe aodhairean Israeil, a tha gam beathachadh fhèin! Nach bu chòir do na h‑aodhairean an treud a bheathachadh?
Tha sibh ag ithe na saill, agus gur n‑èideadh fhèin leis an olainn, tha sibh a’ marbhadh nan ainmhidhean biadhte: chan eil sibh a’ beathachadh an treud.
An sin thubhairt e rium, Tha aingidheachd taigh Israeil agus Iùdah ro‑mhòr, agus tha am fearann làn fala, agus am baile làn ceannairc: oir tha iad ag ràdh, Thrèig an Tighearna an talamh, agus chan eil an Tighearna a’ faicinn.
Cluinnibh-se seo, a shagartan; agus thugaibh-se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh-se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor.
Cluinnibh-se am facal seo, O sprèidh Bhasain, a tha air sliabh Shamaria; a tha a’ sàrachadh nam bochd, a tha a’ bruthadh nam feumach; a tha ag ràdh rim maighistirean, Thugaibh dar n‑ionnsaigh agus òlamaid.
Is truagh dhaibhsan a tha gu suaimhneach ann an Sion, agus ag earbsa à sliabh Shamaria; a tha gan ainmeachadh fhèin air tùs nan cinneach, gus a bheil imeachd taigh Israeil.
Thàinig am fear-brisidh a‑nìos romhpa, bhris iad an geata, agus chaidh iad troimhe agus chaidh iad a‑mach da thrìd; agus siùbhlaidh an rìgh air an toiseach, eadhon an Tighearna air an ceann.
A‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt. An ann mar sin nach eil aon duine glic nur measg? Nach eil fiù a h‑aon as urrainn breith a thoirt eadar a bhràithrean?
Britheamhan, agus uachdarain nì thu dhut fhèin, an taobh a‑staigh ded gheatachan uile, a bheir an Tighearna do Dhia dhut, air feadh do threubh: agus bheir iad breith air an t‑sluagh le ceart bhreitheanas.