Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 2:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns an là sin togar cosamhlachd nur n‑aghaidh, agus nìthear tuireadh le cumha bhrònaich, ag ràdh, Tha sinn gu tur air ar creachadh; dh’atharraich e cuibhreann mo shluaigh: cionnas a dh’atharraich e uam e? Roinn e ar machraichean, a shaoil sinn a bhiodh air an aiseag dhuinn fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

35 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Daibhidh caoidh leis a’ chumha seo os cionn Shauil, agus os cionn a mhic Ionatan:

Agus rinn Ieremiah tuireadh airson Iosiah: agus labhair na fir-sheinn agus na mnathan-seinn uile mu thimcheall Iosiah nan tuiridhean gu ruig an là‑an‑diugh, agus rinn iad iad nan reachd ann an Israel. Agus, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar nan tuireadh.

Agus bhuanaich Iob na chosamhlachd a labhairt a‑mach, agus thubhairt e,

Gun tog thu an fhàistneachd seo an aghaidh rìgh Bhàbiloin, agus their thu, Cionnas a sguir am fear-sàrachaidh! Cionnas a sguir ise a bha sgeadaichte le òr!

Nìthear an tìr gu tur falamh, agus creachar i gu buileach; oir labhair an Tighearna am briathar seo.

An sin thubhairt mise, Cia fhad, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Gus an cuirear bailtean fàs, gun neach gan àiteachadh; agus taighean, gun duine a’ gabhail còmhnaidh annta; agus gum bi am fearann gu tur air a fhàsachadh;

Ma thèid mi a‑mach don mhachair, an sin feuch iadsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh! Agus ma thèid mi a‑steach don chathair, an sin feuch iadsan a tha air an claoidh leis a’ ghorta! Seadh, tha am fàidh agus fòs an sagart ag imeachd air chuairt, gu talamh anns nach eil iad eòlach.

Feuch, mar neòil thig e a‑nìos; mar chuairt-ghaoith bidh a charbadan; is luaithe na iolairean a chuid each; mo thruaighe sinne, oir tha sinn creachte!

Agus bheirear thairis an taighean do dhaoine eile, am fearann agus na mnathan mar an ceudna; oir sìnidh mise mo làmh a‑mach an aghaidh luchd-àiteachaidh na tìre, deir an Tighearna.

Uime sin am mnathan bheir mise do dhaoine eile; am fearann dhaibhsan a thèid an seilbh ann; oir tha iad uile, on neach as mò gus an neach as lugha, air an toirt suas dan ana-miannan; on fhàidh eadhon gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.

Airson nan slèibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus airson ionadan còmhnaidh an fhàsaich, tuireadh, a chionn gu bheil iad air an losgadh suas, air chor is nach tèid aon neach tromhpa; agus cha chluinnear annta guth na sprèidhe: eunlaith an adhair agus an t‑ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh.

Sgapaidh mi iad mar an ceudna am measg nan cinneach, air nach robh aon chuid iad fhèin no an athraichean eòlach; agus cuiridh mi an claidheamh air an tòir, gus an cuir mi as dhaibh.

Feuch gach aon a ghnàthaicheas sean-fhacail, gnàthaichidh e an sean-fhacal seo ad aghaidh, ag ràdh, Mar a’ mhàthair is amhlaidh an nighean.

Agus sgaoil e fam choinneamh e; agus bha e sgrìobhte a‑staigh agus a‑muigh: agus bha sgrìobhte ann tuireadh, agus bròn, agus truaighe.

Crioslaichibh sibh fhèin le aodach-saic, agus tuiribh, O shagartan: dèanaibh ulartaich, a luchd-frithealaidh na h‑altarach: thigibh, laighibh fad na h‑oidhche ann an aodach-saic, òglacha mo Dhè: oir tha an tabhartas-bìdh agus an tabhartas-dibhe, air a chumail air ais o thaigh ar Dè.

Dèan caoidh mar òigh crioslaichte le aodach-saic airson cèile a h‑òige.

Eisdibh-se am facal seo a tha mise a’ cur an cèill nur n‑aghaidh, eadhon tuireadh, O thaigh Israeil.

Agus anns a h‑uile fhìonlios bidh caoineadh: oir gabhaidh mise tro do mheadhon, deir an Tighearna.

Agus bheir mise oighre ad ionnsaigh-sa, O bhean-àiteachaidh Mharesah; thig e gu Adulam, glòir Israeil.

Air an adhbhar sin nì mise caoidh agus àrd-ghul; siùbhlaidh mi rùisgte agus lomnochd: nì mi caoidh mar na dràgoin, agus cumha mar nigheanan na caillich-oidhche.

Èiribh, agus imichibh, oir chan i seo ur còmhnaidh: a chionn gu bheil e air a shalachadh, sgriosar e; agus bidh an sgrios mòr.

Nach tog iad seo uile suas cosamhlachd na aghaidh, agus gnàth-fhacal tàmailteach ma thimcheall, ag ràdh, Is truagh dhàsan a mheudaicheas an nì nach leis fhèin! Cia fhad? Agus dhàsan a luchdaicheas e fhèin le criadh thiugh.

Sgriosaidh mise gu tur na h‑uile nithean bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna.

Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Eirich suas, a Bhalaic, agus cluinn; èisd riumsa, thusa a mhic Shipoir:

Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thug Balac rìgh Mhòaib mise à Aram, o bheanntan na h‑àird an ear, ag ràdh, Thig, mallaich dhòmhsa Iàcob; agus thig, thoir dùbhlan do Israel.

Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balàam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùilean dùinte:

Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balàam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùilean dùinte;

Agus dh’iarr iad breith air, ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd: agus air fhàgail dhaibh, dh’imich iad romhpa.

Agus smeuraichidh tu mu mheadhon-là, mar a smeuraicheas an dall anns an dorchadas, agus cha soirbhich leat ad shlighean: agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart, agus air do chreachadh a‑ghnàth, agus cha teasairg duine sam bith thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan