Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 2:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha iad a’ sanntachadh mhachraichean, agus gan glacadh le fòirneart; agus thaighean, agus tha iad gan toirt air falbh: mar sin tha iad a’ sàrachadh duine agus a thaighe, duine mhòir agus a oighreachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Agus thachair an dèidh nan nithean sin gu robh fìonlios aig Nàbot an t‑Iesreeleach, a bha ann an Iesreel, làimh ri lùchairt Ahaib rìgh Shamaria.

Gu cinnteach chunnaic mi an‑dè fuil Nàboit, agus fuil a mhac, arsa an Tighearna, agus dìolaidh mi ort anns a’ chuibhreann seo, arsa an Tighearna. A‑nis, matà, tog agus tilg e anns a’ chuibhreann-fhearainn, a rèir facal an Tighearna.

Ma dh’èigheas m’fhearann am aghaidh, no ma ghearaineas mar an ceudna a chlaisean:

Na sanntaich taigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no a òglach, no a bhanoglach, no a dhamh, no a asal, no aon nì as led choimhearsnach.

Tionnsgnaidh an Tighearna ann am breitheanas ri seanairean a shluaigh, agus rin uachdarain, oir dh’ith sibh suas am fìonlios; tha creach nam bochd nur taighean.

Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ cur taighe ri taigh, agus a’ cur achaidh ri achadh, gus nach bi àit ann, agus gun gabh sibh còmhnaidh air leth ann am meadhon na tìre!

Ach chan eil do shùilean-sa agus do chridhe ach air d’ana-miannan fhèin, agus air fuil nan neochiontach, a‑chum a dòrtadh, agus air sàrachadh agus fòirneart, a‑chum a dhèanamh.

A shàraich am bochd agus am feumach, a chreach le fòirneart, nach tug air ais an geall, agus a thog suas a shùilean ri iodhalan, a chuir an gnìomh gràinealachd,

Annadsa ghabh iad duais gu fuil a dhòrtadh: ghabh thu ocar agus riadh, agus bhuannaich thu gu sanntach od choimhearsnaich le ana-cothrom, agus dhìochuimhnich thu mise, deir an Tighearna Dia.

Feuch, uime sin bhuail mise mo làmh air do bhuannachd neo-ionraic a rinn thu, agus air d’fhuil, a bha ann ad mheadhon.

Tha sibh a’ seasamh air ur claidheamh, tha sibh a’ dèanamh gràinealachd, agus a’ truailleadh, gach aon agaibh, bean a choimhearsnaich: agus an sealbhaich sibh am fearann?

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gum bu leòr leibh, O uachdarana Israeil: cuiribh uaibh ainneart agus creach, agus dèanaibh breitheanas agus ceartas, togaibh leibh ur n‑aintighearnas om shluagh-sa, deir an Tighearna Iehòbhah.

A thuilleadh air seo cha ghabh an t‑uachdaran de oighreachd an t‑sluaigh le ainneart, a‑chum an tilgeadh a‑mach as an seilbh: ach bheir e da mhic oighreachd as a sheilbh fhèin: a‑chum nach bi mo shluagh-sa air an sgapadh gach aon o a sheilbh.

An sin thubhairt e rium, Am faca tu, O mhic an duine? An nì faoin do thaigh Iùdah a bhith a’ dèanamh nan gràinealachdan a tha iad a’ dèanamh an seo? Oir lìon iad an tìr le ainneart, agus thill iad dom bhrosnachadh-sa a‑chum feirge; agus, feuch, chuir iad am meanglan rin sròin.

Tha iad a’ saltairt sìos ceann nam bochd ann an duslach na talmhainn, agus a’ fiaradh slighe nan daoine ciùine: agus tha duine agus a athair a’ dol a‑steach a‑chum na h‑aon ghruagaich, a thruailleadh m’ainm naoimh-sa.

Cluinnibh-se am facal seo, O sprèidh Bhasain, a tha air sliabh Shamaria; a tha a’ sàrachadh nam bochd, a tha a’ bruthadh nam feumach; a tha ag ràdh rim maighistirean, Thugaibh dar n‑ionnsaigh agus òlamaid.

Cluinnibh seo, O sibhse a tha a’ slugadh suas an ainnis, eadhon a thoirt air bochdan an fhearainn fàilneachadh:

Cluinnibh seo, guidheam oirbh, a cheannardan taigh Iàcoib, agus a luchd-stiùraidh taigh Israeil; sibhse aig a bheil fuath do bhreitheanas, agus a tha a’ fiaradh gach uile cheartais:

Aig a bheil a daoine beartach làn ainneirt; agus labhair a luchd-àiteachaidh breugan; agus tha an teanga cealgach nam beul.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.

Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan