An sin gearraidh mise Israel as bhàrr aghaidh an fhearainn a thug mi dhaibh: agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm fhèin, tilgidh mi as mo shealladh, agus bidh Israel na ghnàth-fhacal agus na leth-fhacal am measg nan uile shluagh:
Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat-pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel-bet-maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria.
Ann an naoidheamh bliadhna Hosèah ghlac rìgh Asiria Samaria, agus thug e leis Israel do Asiria, agus shuidhich e iad ann an Halah, agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach.
An sin spìonaidh mise sibh as m’fhearann a thug mi dhuibh; agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm, tilgidh mi as mo shealladh, agus nì mi e na shamhladh agus na leth-fhacal am measg nan uile chinneach.
Oir mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mi urchair do luchd-àiteachaidh na tìre, air a’ chuairt seo, agus claoidhidh mi iad, air chor is gum mothaich iad mo dhìoghaltas.
Tog do shùilean suas ris na h‑ionadan àrda, agus, feuch, cia an t‑àite anns nach do thruailleadh thu? Shuidh thu gam feitheamh anns na slighean, mar an t‑Arabach anns an fhàsach; agus shalaich thu am fearann led strìopachas, agus led dhroch-bheairt.
Gun amharas chualas guth caoidh à Sion, Cionnas a tha sinn air ar creachadh! Tha sinn air ar maslachadh gu ro‑mhòr! A chionn gun do thrèig sinn am fearann, a chionn gun do thilg iad sìos ar n‑ionadan-còmhnaidh.
A mhic an duine, nuair a bha taigh Israeil a chòmhnaidh nan dùthaich fhèin, thruaill iad i len slighe fhèin, agus len dèanadas: bha an slighe ann am làthair-sa mar neòghlaine mnà a chuireadh air leth.
Agus sgap mi iad am measg nan cinneach, agus bha iad air an sgaoileadh air feadh nan dùthchannan. A rèir an slighe, agus a rèir an dèanadais thug mise breith orra.
Tha mi ag innse dhuibh air an là‑an‑diugh gun sgriosar gu cinnteach sibh, agus nach buanaich sibh ur làithean air an fhearann, da bheil thu a’ dol thar Iòrdan, gu gabhail a‑steach ga shealbhachadh.
Gairmeam nèamh agus talamh mar fhianais nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun tig lèirsgrios oirbh gu h‑aithghearr as an fhearann a‑chum a bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh: cha bhuanaich sibh ur làithean air, ach sgriosar sibh gu tur.