Agus thàrladh ann an ceathramh-bliadhna-deug rìgh Heseciah gun tàinig Senacherib rìgh Asiria a‑nìos an aghaidh uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus ghlac e iad.
Agus chuir rìgh Asiria Rab-saceh o Lachis do Ierusalem a dh’ionnsaigh rìgh Heseciah, le armailt mhòir; agus sheas e aig sruth-chlais na linne uachdaraich air rathad mòr achadh an luadhadair.
Cuime a bheil mo ghoimh gun lasachadh? Agus mo chreuchd bàsmhor, a’ diùltadh a bhith air a leigheas? Carson a bhios tusa dhomh uile gu lèir amhail sruthan mealltach, as nach faodar earbsa?
Theirig suas gu Gilead, agus gabh ìocshlaint, O òg‑bhean, a nighean na h‑Eiphit; is dìomhain dhut mòran chungaidhean-leighis a ghnàthachadh; air do leigheas cha bhi thu.
Chan eil leigheas air do bhruthadh: tha do lot nimhneach: na h‑uile a chluinneas iomradh ort, buailidh iad am basan os do chionn; oir cò air nach do shiubhail d’olc an còmhnaidh?