Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 1:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an adhbhar sin nì mise caoidh agus àrd-ghul; siùbhlaidh mi rùisgte agus lomnochd: nì mi caoidh mar na dràgoin, agus cumha mar nigheanan na caillich-oidhche.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus anns a’ cheathramh-bliadhna-deug de rìgh Heseciah thàinig Senacherib rìgh Asiria a‑nìos an aghaidh uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus ghlac e iad.

Nuair a dh’aithnich Mordecai gach nì a rinneadh, reub e a aodach, agus chuir e sac-aodach air agus luaithre, agus chaidh e a‑mach gu meadhon a’ bhaile, agus ghlaodh e le glaodh àrd agus searbh.

Is bràthair mi do na dràgonan, agus is companach mi do na comhachagan.

Tha mi cosmhail ri pelican an fhàsaich; tha mi mar chomhachaig nan ionad aonaranach.

Ach gabhaidh fiadh-bheathaichean an fhàsaich còmhnaidh an sin; agus bidh an taighean làn de uamh-bheistean; agus gabhaidh na cailleachan-oidhche tàmh an sin, agus nì na gobhair fhiadhaich mire an sin.

Agus freagraidh na h‑eòin fhiadhaich a chèile na lùchairtean, agus na dràgonan anns na seòmraichean aoibhinn, agus tha a h‑àm am fagas, agus cha bhi a làithean air an sìneadh.

Air an adhbhar sin guilidh mi le gul Iaseir airson fìonain Shibmah; uisgichidh mi thu lem dheòir, O Hesboin agus Elealeh; oir dh’fhalbh a’ cho-ghàir airson do mheas-samhraidh, agus airson d’fhogharaidh.

Uime sin lìonadh mo leasraidh le cràdh; ghlac piantan mi, mar phiantan mnà ri saothair-chloinne. Bha mi air mo chromadh sìos, nuair a chuala mi; dh’fhàs mi air chrith, nuair a chunnaic mi.

Air an adhbhar sin thubhairt mi, Tionndaidh air falbh uam: guilidh mi gu goirt; na feuchaibh ri comhfhurtachd a thoirt dhomh, airson lèir-chreach nighean mo shluaigh.

Criothnaichibh, sibhse a tha suaimhneach; bithibh gun fhios, sibhse a tha gun umhail; cuiribh dhibh, rùisgibh sibh fhèin agus crioslaichibh ur leasraidh le aodach-saic.

Mo chom, mo chom! Tha mi air mo chràdh ann am ballachan mo chridhe; an taobh a‑staigh dhìom tha mo chridhe ri fuaim; chan urrainn mi fantainn am thosd; a chionn gun cuala tu, O m’anam, guth na trompaid, gaoir a’ chatha.

Och, nach b’uisge mo cheann, agus nach bu tobar dheur mo shùilean, a‑chum gun guilinn a là agus a dh’oidhche airson muinntir mharbhte nighean mo shluaigh!

Airson nan slèibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus airson ionadan còmhnaidh an fhàsaich, tuireadh, a chionn gu bheil iad air an losgadh suas, air chor is nach tèid aon neach tromhpa; agus cha chluinnear annta guth na sprèidhe: eunlaith an adhair agus an t‑ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh.

Gun amharas chualas guth caoidh à Sion, Cionnas a tha sinn air ar creachadh! Tha sinn air ar maslachadh gu ro‑mhòr! A chionn gun do thrèig sinn am fearann, a chionn gun do thilg iad sìos ar n‑ionadan-còmhnaidh.

A mhic an duine, dèan cumha airson mòr-shluagh na h‑Èiphit, agus tilg sìos iad, i fhèin agus nigheanan nan cinneach iomraiteach, gu ionadan ìochdarach na talmhainn, maille riùsan a thèid sìos don t‑sloc.

Anns an là sin togar cosamhlachd nur n‑aghaidh, agus nìthear tuireadh le cumha bhrònaich, ag ràdh, Tha sinn gu tur air ar creachadh; dh’atharraich e cuibhreann mo shluaigh: cionnas a dh’atharraich e uam e? Roinn e ar machraichean, a shaoil sinn a bhiodh air an aiseag dhuinn fhèin.

Agus chuir esan cuideachd a aodach dheth, agus rinn e fàidheadaireachd am fianais Shamueil air an dòigh cheudna: agus laigh e sìos lomnochd rè an là sin agus rè na h‑oidhche. Uime sin their iad, A bheil Saul mar an ceudna am measg nam fàidhean?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan