Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin nì mise Samaria na càrn anns a’ mhachair, na h‑àit airson suidheachadh fhìonlios; agus taomaidh mi sìos a clachan don ghleann, agus leigidh mi ris a bunaitean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus ma thèid e a‑steach do bhaile, an sin bheir fir Israeil uile cùird leo a dh’ionnsaigh a’ bhaile sin, agus tàirngidh sinn e don abhainn, gus nach fàgar an sin aon chlach bheag.

Agus ghlac iad e an ceann trì bliadhna: anns an t‑siathamh bliadhna de Heseciah, agus an naoidheamh bliadhna de Hosèah, rìgh Israeil, ghlacadh Samaria.

Agus anns a’ cheathramh bliadhna de rìgh Heseciah, agus anns an t‑seachdamh bliadhna de Hosèah mac Elah rìgh Israeil, thàinig Salmaneser, rìgh Asiria, a‑nìos an aghaidh Shamaria, agus theannaich e e.

Nach cuala tu o chionn fada cionnas a rinn mi e, agus on aimsir chèin gun do dhealbh mi e? A‑nis thug mi gu crìch e, gum biodh tusa a‑chum bailtean daingnichte fhàsachadh nan cùirn sgrios.

Trom-eallach Dhamascais. Feuch, tha Damascas air atharrachadh o bhith na bhaile, agus bidh e na thòrr lèirsgrios.

Agus daingneach àrd do bhallachan leagaidh e sìos, ìslichidh e, bheir e a‑chum an làir, eadhon a‑chum an duslaich.

Oir rinn thu a’ chathair na tòrr, am baile daingnichte na chàrn sgrios; chuir thu àros nan coigreach o bhith na bhaile; gu bràth cha togar e.

Suidhichidh tu fhathast fìonliosan air slèibhtean Shamaria; suidhichidh an luchd-suidheachaidh, agus ithidh iad an toradh.

Feuch, tha mise ann ad aghaidh. O shlèibh sgriosaich, deir an Tighearna, a tha a’ sgrios na talmhainn uile; agus sìnidh mi mo làmh a‑mach ort, agus iomainidh mi thu sìos o na creagan, agus nì mi beinn loisgte dhìot.

Agus bidh Bàbilon na cùirn, na h‑ionad-còmhnaidh dhràgon, na h‑uamhas, agus na ball-sgeig, gun aon ga h‑àiteachadh.

Agus nì mise Ierusalem na cùirn, na h‑uaimh dhràgon; agus bailtean Iùdah nì mi nam fàsach, gun neach gan àiteachadh.

Cionnas a thàinig smal air an òr, a chaochail an t‑òr ro‑fhìnealta! Tha clachan an naomh-ionaid air an tilgeadh a‑mach air mullach gach aon sràide!

Mar sin brisidh mi sìos am balla a thilg sibh thairis le criadh gun obrachadh, agus bheir mi a‑nuas gu làr e, air chor is gun leigear ris a bhunaitean; agus tuitidh e, agus bidh sibhse air ur milleadh na mheadhon: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.

Bidh Samaria na fàsach, oir rinn i ceannairc an aghaidh a Dè: tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, brisear an naoidheanan nam bloighdean; agus reubar suas am mnathan torrach.

Air an adhbhar sin, a chionn gu bheil sibh a’ saltairt air a’ bhochd, agus a’ gabhail uaithe duaise de chruithneachd; ged thog sibh taighean de chlachan snaidhte, gidheadh chan àitich sibh iad; ged shuidhich sibh fìonliosan taitneach, gidheadh chan òl sibh fìon dhiubh.

Mhionnaich an Tighearna Iehòbhah air fhèin, tha Iehòbhah, Dia nan sluagh ag ràdh, Is gràin leam òirdheirceas Iàcoib, agus is fuath leam a lùchairtean: uime sin bheir mi seachad am baile, agus gach nì a tha ann.

Uime sin, air ur son-se bidh Sion air a treabhadh mar mhachair, agus bidh Ierusalem na cùirn; agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.

Chaidh thu a‑mach airson tèarnadh do shluaigh, airson tèarnadh do mhuinntir ungte: bhuail thu an ceann o thaigh an aingidh; leig thu ris na bunaitean gu ruig a’ mhuineil. Selah.

Agus thubhairt Iosa riu, Nach faic sibh iad seo uile? Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh nach fàgar clach air muin cloiche an seo nach tilgear sìos.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan