Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 1:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus leaghar na slèibhtean foidhe, agus sgoiltear na glinn: mar chèir fa chomhair an teine, mar uisgeachan a dhòirtear thar bruaich chorraich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ghabh na cinnich boile; ghluaiseadh na rìoghachdan; chuir e a‑mach a ghuth; leagh an talamh.

Mar a dh’fhuadaichear deatach, fuadaichear iad; mar a leaghar cèir fa chomhair an teine, sgriosar droch dhaoine am fianais Dhè.

Leagh na beanntan as mar chèir o làthair an Tighearna, o làthair Tighearna na talmhainn uile.

Oir is e an Tighearna Iehòbhah, Dia nan sluagh, a bheanas ris an fhearann, agus leaghaidh e; agus nì na h‑uile a tha a chòmhnaidh ann caoidh; agus èiridh e suas gu h‑iomlan mar thuil, agus bàthar e, mar gum b’ann le abhainn na h‑Eiphit.

Criothnaichidh na slèibhtean roimhesan, agus leaghaidh na cnuic; agus tha an talamh air a losgadh suas na làthair; an saoghal, agus a uile luchd-àiteachaidh.

Chunnaic na slèibhtean thu agus chriothnaich iad: ghabh tuil nan uisgeachan seachad: chuir an t‑aigeann a‑mach a ghuth, thog an doimhne suas a làmhan.

Sheas e, agus thomhais e an talamh: dh’amhairc e, agus sgap e na cinnich as a chèile; agus bha na slèibhtean sìorraidh air am briseadh; chrom na cnuic bhith-bhuan; tha a shlighe maireannach.

Agus seasaidh a chasan air an là sin air Sliabh nan Crann-ola, a tha fa chomhair Ierusaleim air an taobh an ear: agus sgoltaidh Sliabh nan Crann-ola na mheadhon, ris an àird an ear, agus ris an àird an iar, air chor is gum bi gleann ro‑mhòr ann: agus gluaisidh leth an t‑slèibh ri tuath, agus an leth eile ri deas.

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

A Thighearna, nuair a chaidh thu a‑mach à Seir, nuair a shiubhail thu a‑mach à tìr Edoim, chriothnaich an talamh, agus shil na nèamhan; shil na neòil mar an ceudna uisge.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan