Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Micah 1:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Facal an Tighearna, a thàinig gu Micah am Morastach, ann an làithean Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah; a chunnaic e a‑thaobh Shamaria agus Ierusaleim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Ann an dara bliadhna Phecah mac Remaliah rìgh Israeil, thòisich Iotam mac Udsiah rìgh Iùdah air rìoghachadh.

Agus bhuail an Tighearna an rìgh, agus bha e na lobhar gu là a bhàis, agus ghabh e còmhnaidh ann an taigh air leth: agus bha Iotam mac an rìgh os cionn an taighe, a’ toirt breith air sluagh na tìre.

Anns an t‑seachdamh-bliadhna-deug de Phecah mac Remaliah, thòisich Ahas mac Iotaim rìgh Iùdah air rìoghachadh.

Agus anns an treas bliadhna de Hosèah mac Elah, rìgh Israeil, thòisich Heseciah mac Ahais, rìgh Iùdah, air rìoghachadh.

Fichead bliadhna a dh’aois bha Ahas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia-bliadhna-deug ann an Ierusalem: agus cha do rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Daibhidh a athair:

Thòisich Heseciah air rìoghachadh nuair a bha e còig-bliadhna-fichead a dh’aois, agus rìghich e naoi-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Abiah, nighean Shechariah.

Taisbeanadh Isaiah mhic Amois, a chunnaic e mu thimcheall Iùdah, agus Ierusaleim, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah.

Cluinnibh, O nèamhan, agus tabhair èisdeachd, O thalaimh, oir tha an Tighearna a’ labhairt: Dh’altraim mise, agus thog mi suas clann; agus rinn iadsan ceannairc am aghaidh.

Ann an làithean Ahais mhic Iotaim, mhic Usiah, rìgh Iùdah, chaidh Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, suas do Ierusalem, a chogadh na h‑aghaidh, ach cha b’urrainn iad buadhachadh oirre.

Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach.

Rinn Micah am Morastach fàistneachd ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus labhair e ri uile shluagh Iùdah, ag ràdh, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Bidh Sion mar mhachair air a treabhadh, agus bidh Ierusalem na cùirn, agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.

Facal an Tighearna a thàinig gu Hosèa, mac Bheeri, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais agus Heseciah, rìghrean Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim, mhic Iohais, rìgh Israeil.

Ged dhèan thusa strìopachas, O Israeil, gidheadh na ciontaicheadh Iùdah; agus na tigibh-se gu Gilgal, cha mhò a thèid sibh suas gu Bet-abhen; cha mhò a mhionnaicheas sibh, Mar as beò an Tighearna.

Oir dhìochuimhnich Israel a Chruithear, agus thog e teampaill: agus chuir Iùdah an lìonmhorachd cathraichean daingeann: ach cuiridh mise teine air a chathraichean, agus loisgidh e a lùchairtean.

Briathran Amois, a bha am measg buachaillean Thecòa, a fhuair e mu thimcheall Israeil, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim mhic Iohais, rìgh Israeil, dà bhliadhna ron chrith-thalmhainn.

Is truagh dhaibhsan a tha gu suaimhneach ann an Sion, agus ag earbsa à sliabh Shamaria; a tha gan ainmeachadh fhèin air tùs nan cinneach, gus a bheil imeachd taigh Israeil.

Airson easaontas Iàcoib tha seo uile, agus airson lochdan taigh Israeil. Ciod e easaontas Iàcoib? Nach e Samaria? Agus ciod iad ionadan àrda Iùdah? Nach iad sin a tha ann an Ierusalem?

Cluinnibh seo, guidheam oirbh, a cheannardan taigh Iàcoib, agus a luchd-stiùraidh taigh Israeil; sibhse aig a bheil fuath do bhreitheanas, agus a tha a’ fiaradh gach uile cheartais:

An fhàistneachd a chunnaic Habacuc am fàidh.

Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan