Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Mata 6:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach nuair a bheir thusa dèirc, na biodh fhios aig do làimh chlì ciod a tha do làmh dheas a’ dèanamh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Cha dèan e strì, agus cha ghlaodh e; cha mhò a chluinneas neach air bith a ghuth air na sràidean.

Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.

A‑chum gum bi do dhèirc an uaigneas: agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.

Agus thubhairt Iosa ris, Feuch nach innis thu do dhuine sam bith, ach imich, taisbein thu fhèin don t‑sagart, agus thoir da ionnsaigh an tìodhlac a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh.

Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus bhagair Iosa gu geur iad, ag ràdh, Faicibh nach faigh neach air bith fios air seo.

Agus thubhairt e ris, Feuch nach innis thu a’ bheag do neach air bith: ach imich, nochd thu fhèin don t‑sagart, agus tabhair mar ìobairt airson do ghlanaidh na nithean a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh.

Oir cha dèan neach air bith aon nì am falach, a dh’iarras e fhèin a bhith am follais: ma tha thu a’ dèanamh nan nithean seo, nochd thu fhèin don t‑saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan