Thubhairt e, O thusa a tha làn den uile cheilg, agus den uile dhroch-bheairt, a mhic an diabhail, a nàmhaid na h‑uile fhìreantachd, nach sguir thu a dh’fhiaradh slighean dìreach an Tighearna?
Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte-san, ag ràdh,
Bhuin esan gu cuilbheirteach ri ar cinneach, agus rinn e olc air ar n‑athraichean, air chor is gun tug e orra an naoidheanan a thilgeadh a‑mach a‑chum nach sìolaicheadh iad.
Agus bha an nathair na bu sheòlta na aon de bheathaichean na machrach a rinn an Tighearna Dia. Agus thubhairt i ris a’ mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Chan ith sibh de gach craoibh anns a’ ghàrradh?
Ach tha eagal orm, mar a mheall an nathair Eubha le a cuilbheartachd, mar sin gun truaillear, air dòigh sam bith, ur n‑inntinn-se on aon-fhillteachd a tha ann an Crìosd.
Agus bha a’ chàisg agus fèill an arain neo-ghortaichte an dèidh dà là: agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean cionnas a ghlacadh iad esan le foill, agus a chuireadh iad gu bàs e.