Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Mata 26:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Rachaibh don bhaile gu a leithid seo de dhuine, agus abraibh ris, Tha am Maighistir ag ràdh, Tha m’àm am fagas: cumaidh mi a’ chàisg aig do thaigh-sa maille rim dheisciobail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Iosa riu, Cha tàinig m’àm‑sa fhathast; ach tha ur n‑àm‑se a‑ghnàth deas.

Labhair Iosa na briathran seo; agus thog e suas a shùilean gu nèamh, agus thubhairt e, Athair, thàinig an uair; glòraich do Mhac, a‑chum gun glòraich do Mhac thusa mar an ceudna:

A‑nis ro fhèill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gu crìch iad.

An sin dh’iarr iad a ghlacadh: ach cha do chuir neach air bith làmh ann, a chionn nach robh a uair fhathast air teachd.

Rachaibh-se suas a‑chum na fèille seo: cha tèid mise suas fhathast a‑chum na fèille seo, do bhrìgh nach eil m’àm fhathast air a choileanadh.

Agus fhreagair Iosa iad ag ràdh, Thàinig an uair a‑chum gum biodh Mac an Duine air a ghlòrachadh.

Nuair a bha mi gach là maille ribh anns an teampall, cha do shìn sibh a‑mach ur làmhan am aghaidh: ach is seo ur n‑uair-se, agus cumhachd an dorchadais.

Agus air dha na nithean seo a ràdh, dh’fhalbh i, agus ghairm i a piuthar Muire ann an uaigneas, ag ràdh, Thàinig am Maighistir, agus tha e gad ghairm.

Am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig dream o thaigh uachdaran an t‑sionagoig, ag ràdh, Fhuair do nighean bàs; carson a chuireadh tu tuilleadh dragh air a’ Mhaighistir?

Tha fhios agaibh gu bheil a’ chàisg an dèidh dà là, agus tha Mac an Duine air a bhrath a‑chum a cheusadh.

Cha mhò a ghoirear àrd-mhaighistirean dhibh: oir is aon àrd-mhaighistir a tha agaibh, eadhon Crìosd.

Ach na goirear Rabbi dhibhse: oir is aon àrd-mhaighistir a tha agaibh, Crìosd; agus is bràithrean sibh fhèin uile.

Agus ma labhras aon duine nì air bith ribh, abraibh gu bheil feum aig an Tighearna orra; agus cuiridh e uaithe air ball iad.

Thubhairt Iosa rithe, A Mhuire. Air tionndadh dhise, thubhairt i ris, Rabboni, is e sin ri ràdh, A Mhaighistir.

Agus air ball thàinig e a‑chum Iosa, agus thubhairt e, Fàilte dhut, a Mhaighistir; agus phòg e e.

Agus rinn na deisciobail mar a dh’òrdaich Iosa dhaibh, agus dheasaich iad a’ chàisg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan