Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Mata 21:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Rinneadh na nithean seo uile, a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.

(Agus rinneadh seo uile a‑chum gun coileante an nì a thubhairt an Tighearna leis an fhàidh, ag ràdh,

Agus ma labhras aon duine nì air bith ribh, abraibh gu bheil feum aig an Tighearna orra; agus cuiridh e uaithe air ball iad.

Ach thachair seo uile a‑chum gum biodh sgriobtairean nam fàidhean air an coileanadh. An sin thrèig na deisciobail uile e, agus theich iad.

Agus thug iad an searrach a‑chum Iosa, agus chuir iad am fallaingean air; agus shuidh esan air.

Agus thug iad gu Iosa e: agus thilg iad am fallaingean air an t‑searrach, agus chuir iad Iosa air.

Air an là màireach, air cluinntinn do mhòr-shluagh a thàinig a‑chum na fèille, gu robh Iosa a’ teachd gu Ierusalem,

Na biodh eagal ort, a nighean Shioin: feuch, tha do Rìgh a’ teachd, na shuidhe air loth asail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan