Agus bha cridhe rìgh Shiria fo bhuaireas mòr airson an nì seo; agus ghairm e air a sheirbhisich, agus thubhairt e riu, Nach innis sibh dhomh cò nar measg-ne a tha le rìgh Israeil?
Ag ràdh, Càit a bheil rìgh sin nan Iùdhach a tha air a bhreith? Oir chunnaic sinne a reul anns an àird an ear, agus tha sinn air teachd a thabhairt adhraidh dha.
A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh, cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh ri chèile, mar a chruinnicheas cearc a h‑eòin fo a sgiathan, agus cha b’àill leibhse!
Agus cluinnidh sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean: thugaibh an aire nach bi sibh fo amhluadh: oir is èiginn do na nithean sin uile teachd gu crìch, ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.
Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean, na biodh buaireas oirbh: oir is èiginn dhaibh seo teachd; ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.