Agus air gairm a dhà-dheisciobal-dheug da ionnsaigh, thug e cumhachd dhaibh an aghaidh nan spiorad neòghlan, gu an tilgeadh a‑mach, agus a shlànachadh gach gnè easlaint, agus gach gnè eucail.
Togaidh iad nathraichean nimhe; agus ma dh’òlas iad nì air bith marbhtach, cha chiùrr e iad; cuiridh iad an làmhan air daoine tinne, agus bidh iad gu math.
Uime sin gleidhidh tusa, agus do mhic maille riut, ur sagartachd anns gach nì a bhuineas don altair, agus an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì sibh seirbhis: thug mi dhuibh ur sagartachd, mar sheirbhis tabhartais; agus cuirear an coigreach, a thig am fagas, gu bàs.
Ho! gach neach air a bheil tart, thigibh-se a‑chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgead, thigibh, ceannaichibh agus ithibh; seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgead agus gun luach, fìon agus bainne.