Agus aig teachd dhaibh a‑nuas on bheinn, dh’àithn e dhaibh gun na nithean a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine a‑rìs o na mairbh.
Oir mar a bha Iònas ann am broinn na muice-mara trì làithean agus trì oidhchean, is ann mar sin a bhios Mac an Duine ann an cridhe na talmhainn trì làithean agus trì oidhchean.
On àm sin a‑mach thòisich Iosa air a nochdadh da dheisciobail gur èiginn dhàsan dol suas gu Ierusalem, agus mòran de nithean fhulang o na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus a bhith air a thogail suas air an treas là.
Agus thubhairt Iosa ris, Feuch nach innis thu do dhuine sam bith, ach imich, taisbein thu fhèin don t‑sagart, agus thoir da ionnsaigh an tìodhlac a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh.
Agus dh’àithn e dhaibh gun iad a dh’innse sin do neach air bith: ach mar as mò a thoirmisg esan dhaibh, bu mhò gu ro‑mhòr a chuir iadsan an gnìomh am follais;
Agus nuair a rinneadh an guth seo, fhuaireadh Iosa na aonar: agus dh’fhan iadsan nan tosd, agus cha d’innis iad do neach air bith anns na làithean sin aon nì de na chunnaic iad.