Is math an salann: ach ma chailleas an salann a shaillteachd, ciod e leis an dèan sibh deagh-bhlasda e? Biodh agaibh salann annaibh fhèin, agus bithibh sìochail ri chèile.
Is sibhse salann na talmhainn: gidheadh ma chailleas an salann a bhlas, ciod leis an saillear e? Chan eil feum ann o sin suas, ach a thilgeadh a‑mach, agus a shaltairt fo chasan dhaoine.
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, slàn leibh: bithibh coileanta, bithibh subhach, bithibh a dh’aon inntinn, bithibh sìochail; agus bidh Dia a’ ghràidh agus na sìthe maille ribh.
A‑mhàin caithibh ur beatha gu cubhaidh do shoisgeul Chrìosd: a‑chum cia aca a thig mi agus a chì mi sibh, no a bhios mi as làthair, gun cluinn mi mur timcheall, gu bheil sibh a’ seasamh gu daingeann ann an aon spiorad, le aon inntinn, a’ gleac le chèile airson creideamh an t‑soisgeil;