Agus gach tabhartas-bìdh a bheir thu leat, nì thu blasda le salann: cha mhò a leigeas tu le salann coicheangal do Dhè a bhith a dh’easbhaidh air do thabhartas-bìdh: led thabhartasan uile bheir thu seachad salann.
Is sibhse salann na talmhainn: gidheadh ma chailleas an salann a bhlas, ciod leis an saillear e? Chan eil feum ann o sin suas, ach a thilgeadh a‑mach, agus a shaltairt fo chasan dhaoine.
Is math an salann: ach ma chailleas an salann a shaillteachd, ciod e leis an dèan sibh deagh-bhlasda e? Biodh agaibh salann annaibh fhèin, agus bithibh sìochail ri chèile.