Agus thèid iad a‑mach, agus seallaidh iad air closaichean nan daoine a chiontaich am aghaidh; oir cha bhàsaich a’ chnuimh, agus cha mhùchar an teine; agus bidh iad nan gràinealachd do gach uile fheòil.
Bithibh air ur timcheall-ghearradh don Tighearna, agus thugaibh air falbh ro‑chraicinn ur cridheachan, O fheara Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, mun tèid mo chorraich-sa a‑mach mar theine, agus mun las i, air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan.
An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean:
Aig a bheil a’ ghuit na làimh, agus glanaidh e gu ro‑bhuileach a ùrlar-bualaidh, agus cruinnichidh e a chruithneachd da thaigh-tasgaidh; ach loisgidh e am moll le teine nach faodar a mhùchadh.
Aig a bheil a ghuit na làimh, agus ro‑ghlanaidh e a ùrlar, agus cruinnichidh e an cruithneachd da thaigh-tasgaidh: ach loisgidh e am moll le teine nach fhaodar a mhùchadh.