Agus ma bheir do chas adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth-chois, na dà chois a bhith agad, agus a bhith air do thilgeadh ann an ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh;
Agus ma bheir do shùil adhbhar oilbheim dhut, spìon asad i: is fheàrr dhut dol a‑steach do rìoghachd Dhè air aon sùil, na dà shùil a bhith agad, agus a bhith air do thilgeadh ann an teine ifrinn;
Agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras, a‑chum gun tum e bàrr a mheòir ann an uisge, agus gum fuaraich e mo theanga; oir tha mi air mo ro‑phianadh anns an lasair seo.