Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 9:45

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ma bheir do chas adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth-chois, na dà chois a bhith agad, agus a bhith air do thilgeadh ann an ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Uime sin, ma bheir do làmh no do chas adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot iad, agus tilg uat iad: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth-chois no air leth-làimh, na dà làimh no dà chois a bhith agad, agus thu a bhith air do thilgeadh anns an teine shìorraidh.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.

Agus ma bheir do làmh adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth-làimh, na dà làimh a bhith agad, agus dol gu ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh;

Far nach bàsaich an cnuimh, agus nach tèid an teine as.

Far nach bàsaich a’ chnuimh, agus nach tèid an teine as.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan