Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 9:43

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ma bheir do làmh adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth-làimh, na dà làimh a bhith agad, agus dol gu ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Ged chaomhain e e, agus nach trèig e e, ach gun glèidh e e an taobh a‑staigh a bheòil;

Agus bidh an duine làidir mar asgart, agus a obraiche mar shrad: agus loisgidh iad le chèile cuideachd, agus cha bhi neach ann a mhùchas iad.

Bithibh air ur timcheall-ghearradh don Tighearna, agus thugaibh air falbh ro‑chraicinn ur cridheachan, O fheara Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, mun tèid mo chorraich-sa a‑mach mar theine, agus mun las i, air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan.

Gidheadh, a‑chum nach tugamaid oilbheum dhaibh, imich thusa a‑chum na fairge, agus tilg dubhan innte, agus tog an ciad iasg a thig a‑nìos: agus air fosgladh a bheòil dhut, gheibh thu bonn airgid; sin gabh, agus thoir dhaibh air mo shon-sa, agus air do shon fhèin.

An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean:

Aig a bheil a’ ghuit na làimh, agus glanaidh e gu ro‑bhuileach a ùrlar-bualaidh, agus cruinnichidh e a chruithneachd da thaigh-tasgaidh; ach loisgidh e am moll le teine nach faodar a mhùchadh.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.

Far nach bàsaich an cnuimh, agus nach tèid an teine as.

Ach nuair a nì thu cuirm, gairm na bochdan, na daoine ciurramach, na bacaich, na doill:

Agus thàinig an seirbhiseach sin, agus dh’innis e na nithean sin da thighearna. An sin air gabhail feirge do fhear-an‑taighe, thubhairt e ra sheirbhiseach, Gabh a‑mach gu grad gu sràidean agus gu caol-shràidean a’ bhaile, agus thoir a‑steach an seo na bochdan, agus na daoine ciurramach, agus na bacaich, agus na doill.

Aig a bheil a ghuit na làimh, agus ro‑ghlanaidh e a ùrlar, agus cruinnichidh e an cruithneachd da thaigh-tasgaidh: ach loisgidh e am moll le teine nach fhaodar a mhùchadh.

Oir ma chaitheas sibh ur beatha a rèir na feòla, gheibh sibh bàs: ach ma mharbhas sibh tre an Spiorad gnìomharan na colainn, bidh sibh beò.

Ach tha mi a’ trom-bhualadh mo chuirp, agus ga chur fo smachd: air eagal air chor sam bith an dèidh dhomh searmonachadh do dhream eile, gun cuirear mi fhèin air cùl.

Agus iadsan as le Crìosd, cheus iad an fheòil, maille ri a h‑an‑tograidhean agus a h‑ana-miannan.

Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn-collaidh, ana-miannan, agus sannt, nì as iodhal-adhradh;

A’ teagasg dhuinn gach mì‑dhiadhachd agus ana-miann saoghalta àicheadh, agus ar beatha a chaitheamh gu stuama, gu cothromach, ach gu diadhaidh anns an t‑saoghal seo an làthair;

Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,

Uime sin a’ cur uaibh gach uile mhìoruin, agus gach uile mhealltaireachd, agus chealg, agus fharmad, agus gach uile ana-cainnt,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan