Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 9:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh Elias maille ri Maois: agus bha iad a’ còmhradh ri Iosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Oir rinn na fàidhean uile agus an lagh fàidheadaireachd gu àm Eòin.

Agus rinneadh a aodach dealrach, ro‑gheal mar an sneachd: air mhodh nach robh e an comas do ghlanadair-aodaich sam bith air talamh a ghealachadh.

Agus fhreagair Peadar, agus thubhairt e ri Iosa, A Mhaighistir, is math dhuinne a bhith an seo: air an adhbhar sin dèanamaid trì pàilleanan; aon dhutsa, agus aon do Mhaois, agus aon do Elias.

Agus air dha tòiseachadh o Mhaois, agus o na fàidhean uile, dh’eadar-mhìnich e dhaibh anns na sgriobtairean uile na nithean ma thimcheall fhèin.

Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall-sa, a bhith air an coileanadh.

Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Eòin Baistidh: ach tha cuid ag ràdh Elias: agus cuid eile gu bheil aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs.

Rannsaichibh na sgriobtairean, oir tha sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh annta; agus is iad sin a tha a’ toirt fianais mum thimcheall-sa.

Agus thuit mi sìos aig a chasan a‑chum adhradh a dhèanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: is co‑sheirbhiseach dhut fhèin mise, agus dod bhràithrean aig a bheil fianais Iosa: dèan adhradh do Dhia: oir is i fianais Iosa spiorad na fàidheadaireachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan