Agus fhreagair Eòin e, ag ràdh, A Mhaighistir, chunnaic sinne neach nach eil gar leantainn-ne a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm-sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn fhèin.
Uime sin tha mi a’ toirt fios dhuibh, nach abair duine sam bith a tha a’ labhairt o Spiorad Dhè gu bheil Iosa mallaichte; agus nach urrainn duine sam bith a ràdh gur e Iosa an Tighearna, ach tre an Spiorad Naomh.
Ach tha mi a’ trom-bhualadh mo chuirp, agus ga chur fo smachd: air eagal air chor sam bith an dèidh dhomh searmonachadh do dhream eile, gun cuirear mi fhèin air cùl.
Ciod matà? Gidheadh air gach aon chor, cia aca is ann an coslas a‑mhàin, no da‑rìribh, tha Crìosd air a shearmonachadh; agus air a shon seo tha mise a’ dèanamh gàirdeachais, seadh, agus nì mi gàirdeachas.