Ach dh’fhan iadsan nan tosd; oir air an t‑slighe bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin cò aca a bu mhò a bhiodh.
Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin ag ràdh, Is ann airson nach tug sinn aran leinn.
Is math an salann: ach ma chailleas an salann a shaillteachd, ciod e leis an dèan sibh deagh-bhlasda e? Biodh agaibh salann annaibh fhèin, agus bithibh sìochail ri chèile.
Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile:
Cha mhò mar thighearnan os cionn oighreachd Dhè, ach mar dhream a tha nan eisimpleirean don treud.
Sgrìobh mi a‑chum na h‑eaglais: ach cha ghabh Diotrephes, leis am miann àrd-cheannas a bhith aige nam measg, rinn.