An dèidh sin nochdadh e don aon-fhear-deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas-cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh.
Agus thubhairt e riu, A bheil sibhse mar seo fhathast gun tuigse? Nach eil fhios agaibh, ge bè nì air bith a thèid a‑steach anns an duine on leth a‑muigh, nach eil e an comas dha esan a shalachadh?
Ach air dhàsan tionndadh mun cuairt agus amharc air a dheisciobail, chronaich e Peadar, ag ràdh, Imich air mo chùlaibh, a Shàtain: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine.
Ach cha do thuig iadsan an còmhradh seo, agus bha e falaichte uapa air chor is nach b’aithne dhaibh e: agus bha eagal orra ceist a chur air mu thimcheall a’ chòmhraidh seo.
Cha do thuig a dheisciobail na nithean seo air tùs: ach nuair a ghlòraicheadh Iosa, an sin chuimhnich iad gu robh na nithean seo sgrìobhte uime, agus gun do rinn iad na nithean seo dha.
A‑nis dh’aithnich Iosa gu robh toil aca fheòraich dheth, agus thubhairt e riu, A bheil sibh a’ feòraich nur measg fhèin mar a thubhairt mi, Tamall beag agus chan fhaic sibh mi: agus a‑rìs, tamall beag agus chì sibh mi?
Agus air a seo thàinig a dheisciobail, agus b’iongantach leo gu robh e a’ labhairt ris a’ mhnaoi: ach cha dubhairt aon neach, Ciod a tha thu ag iarraidh? No, Carson a tha thu a’ labhairt rithe?