Agus rug e air an nìonaig air làimh, agus thubhairt e rithe, Talitha-cumi; is e sin, air eadar-mhìneachadh, A chailinn (tha mise ag ràdh riut), èirich.
Agus rug e air làimh an doill agus threòraich e a‑mach as a’ bhaile e; agus air dha a sheile a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh’fheòraich e dheth an robh e a’ faicinn nì air bith.
An sin rug an t‑àrd-cheannard air a làimh, agus chaidh e a lethtaobh an uaigneas maille ris, agus dh’fheòraich e dheth, Ciod a tha agad ri innse dhòmhsa?