Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 9:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gu minig thilg e anns an teine e, agus anns an uisge, a‑chum gum milleadh e e: ach ma tha thusa comasach air nì sam bith a dhèanamh, gabh truas dhinn, agus cuidich leinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus air ball shìn Iosa a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thubhairt e ris, O thusa air bheag creidimh, carson a bha thu fo amharas?

A Thighearna, dèan tròcair air mo mhac, oir tha e gu tinn leis an tuiteamaich, agus is mòr an cràdh a tha e a’ fulang: oir tha e gu minig a’ tuiteam anns an teine, agus gu minig anns an uisge.

Agus ghabh Iosa truas dhiubh, agus bhean e rin sùilean: agus air ball thàinig fradharc dan sùilean, agus lean iad e.

Agus, feuch, thàinig lobhar, agus rinn e adhradh dha, ag ràdh, A Thighearna, mas àill leat, is comasach thu air mise a ghlanadh.

Agus nuair a thàinig e a‑steach don taigh, thàinig na doill da ionnsaigh: agus thubhairt Iosa riu, A bheil sibh a’ creidsinn gur comasach mise air seo a dhèanamh? Thubhairt iad ris, Tha, a Thighearna.

Gidheadh cha do leig Iosa leis, ach thubhairt e ris, Imich dhachaidh a dh’ionnsaigh do mhuinntir, agus innis dhaibh meud nan nithean a rinn an Tighearna dhut, agus gun do rinn e tròcair ort.

Agus dh’fheòraich e de a athair, Cia fhad an aimsir o thàinig seo air? Agus thubhairt e, O bha e na leanabh.

Ach thubhairt Iosa ris, Mas urrainn thusa creidsinn, tha gach aon nì comasach don neach a chreideas.

Agus nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas dhith, agus thubhairt e rithe, Na guil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan