Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 9:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fheòraich e de a athair, Cia fhad an aimsir o thàinig seo air? Agus thubhairt e, O bha e na leanabh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Tha an duine a rugadh o mhnaoi geàrr-shaoghalach, agus làn àmhghair.

Gidheadh, rugadh an duine a‑chum carraid, mar a dh’èireas na sradan suas.

Feuch, ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhàthair mi na broinn.

Agus bha bean àraidh an sin, air an robh dòrtadh fala rè dà‑bhliadhna-dheug.

Agus thug iad da ionnsaigh e: agus nuair a chunnaic e e, reub an spiorad air ball e; agus thuit e air an talamh, agus bha e ga aoirneagan fhèin, agus a’ cur cobhair as a bheul.

Agus gu minig thilg e anns an teine e, agus anns an uisge, a‑chum gum milleadh e e: ach ma tha thusa comasach air nì sam bith a dhèanamh, gabh truas dhinn, agus cuidich leinn.

Agus nach bu chòir a’ bhean seo, a tha na nighinn do Abrahàm, a cheangail Sàtan a‑nis rè ochd-bliadhna-deug, a bhith air a fuasgladh on chuibhreach seo air là na sàbaid?

Agus thàinig bean air an robh dòrtadh fala dà‑bhliadhna-dheug, agus a chaith a beathachadh uile ri lèighean, agus nach b’urrainn a bhith air a leigheas le neach air bith.

Agus nuair a ghabh Iosa seachad, chunnaic e duine a bha dall o rugadh e.

Agus bha ann an Listra duine àraidh gun lùths na chasan na shuidhe, a bha bacach o bhroinn a mhàthar, neach nach d’imich riamh:

Agus bha duine àraidh a bha na bhacach o bhroinn a mhàthar air a ghiùlan, neach a chuireadh gach là aig doras sin an teampaill ris an abrar Sgiamhach, a dh’iarraidh dèirce orrasan a bha a’ dol a‑steach don teampall:

Oir bha an duine air an do rinneadh am mìorbhail leighis seo tuilleadh is dà‑fhichead bliadhna a dh’aois.

Agus fhuair e an sin duine àraidh dom b’ainm Eneas, a bha rè ochd bliadhna air a leabaidh agus e gu tinn leis a’ phairilis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan