An sin thugadh da ionnsaigh duine anns an robh deamhan, dall agus balbh: agus shlànaich e e, ionnas gun do labhair am balbhan agus gu robh an dall a’ faicinn.
A Thighearna, dèan tròcair air mo mhac, oir tha e gu tinn leis an tuiteamaich, agus is mòr an cràdh a tha e a’ fulang: oir tha e gu minig a’ tuiteam anns an teine, agus gu minig anns an uisge.
Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad-bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò.
Agus ge bè ionad sam bith anns an glac e e, tha e ga tharraing as a chèile; agus tha e a’ cur cobhair as a bheul, agus a’ gìosgarnaich le fhiaclan, agus tha e a’ seargadh as: agus thubhairt mi rid dheisciobail, iad ga chur a‑mach, agus cha b’urrainn iad.
Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh a’ ruith cuideachd, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, A spioraid bhailbh agus bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, Thig a‑mach as, agus na rach a‑steach ann nas mò.
Nuair a chuala esan gu robh Iosa air teachd à Iudèa do Ghalile, chaidh e da ionnsaigh, agus ghuidh e air gun rachadh e sìos, agus gun slànaicheadh e a mhac: oir bha e ri uchd bàis.