Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 9:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air ball bha an sluagh uile, nuair a chunnaic iad e, fo uamhas mòr, agus air dhaibh ruith da ionnsaigh, chuir iad fàilte air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’amhairc Aaron agus clann Israeil uile air Maois; agus, feuch, dhealraich craiceann a aghaidh, agus bha eagal orra teachd am fagas dha.

Agus thug e leis Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus thòisich e air a bhith fo uamh-chrith, agus fo anabarr bròin;

Agus air dhaibh dol a‑steach don àit-adhlaic, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, mun robh trusgan fada geal; agus bha eagal orra.

Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e.

Agus dh’fheòraich e de na sgrìobhaichean, Ciod e mum bheil sibh a’ deasbaireachd riu?

Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh a’ ruith cuideachd, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, A spioraid bhailbh agus bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, Thig a‑mach as, agus na rach a‑steach ann nas mò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan