Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 9:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur èiginn gun tig Elias air tùs?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.

Feuch, cuiridh mise dur n‑ionnsaigh Eliah am fàidh ro theachd là mòr agus uamhasach an Tighearna.

Agus mas toigh leibh a ghabhail, is e seo Elias a bha ri teachd.

Agus ghlèidh iad a’ chainnt seo aca fhèin, a’ fiosrachadh de chèile ciod a bu chiall don aiseirigh o na mairbh.

Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh Elias maille ri Maois: agus bha iad a’ còmhradh ri Iosa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan